Sailm Dhaibhidh 3
3
Salm 3
1Nach lìonmhor iad mo naimhdean, Dhia,
sìor dhol am meud gach là?
Is luchd mo thrioblaid iomadh iad,
ag èirigh rium a‑ghnàth.
2Rim anam iomadh their nach eil
aon fhurtachd aig' an Dia:
3Ach 's tu fear-togalach mo chinn,
mo ghlòir, is tu mo sgiath.
4Air Dia do ghairm mi fhèin lem ghuth,
dh'èisd as a thulaich naoimh:
5Laigh, chaidil, agus mhosgail mi,
chùm Dia mi suas gu caomh.
6Chan eagal leam deich mìle sluagh,
ged chuartaicheadh iad mi.
7Mo thighearn, èirich suas gu luath,
is cuidich leam, a Dhè:
Mo naimhdean bhuail thu air an giall;
bhris fiaclan fòs nan daoi.
8'S le Dia an fhurtachd: air do shluagh
do bheannachd tha gun dìth.
Sélection en cours:
Sailm Dhaibhidh 3: SD1992
Surbrillance
Partager
Copier
Tu souhaites voir tes moments forts enregistrés sur tous tes appareils? Inscris-toi ou connecte-toi
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.