N. Marc 5
5
V. CAIB.
Criosta tilgeadh a mach legion dheomhan; a leigheas na té air an robh siubhal fala; ʼsa toirt nighean Iairuis beo.
1Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach.
2ʼSa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,
3Aig an robh a thuineadh anns na h-uaighean, ʼs cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheangal a nis, ged bʼ ann le slabhruidhean:
4Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, ʼs le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, ʼs bhruan e na cuibhrichean, agus cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheannsachadh.
5Us bha e daonnan a latha ʼsa dhʼoidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, a g-eigheach, ʼs ga bhruthadh fhein le clachan.
6ʼSa faicinn Iosa fad as, ruith e, ʼs thug e aoradh dha;
7ʼSa g-eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothachsa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi.
8Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain.
9Agus dhʼfhaighnich e dheth: Cʼainm thʼort? Us thuirt e ris: Se Legion mʼ ainm, oir is moran sinn.
10Us ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e.
11Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc a g-ionaltradh.
12Agus ghuidh na spioraid air, a g-radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
13Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. ʼS air dol a mach do na spioraid neoghlan, chaidh iad a stigh anns na mucan; us chaidh an treud, a bha mu dhà mhile, ʼnan deann-ruith an comhair an cinn sa mhuir, agus thachdadh iad sa mhuir.
14Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, us dhʼinnis iad sa bhaile, us feadh na ducha. Agus chaidh iad a mach a dhʼfhaicinn ciod a thachair;
15Us thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, ʼna shuidhe agus aodach uime, agus ʼna lan chiall; us ghabh iad eagal.
16Agus dhʼinnis iadsan, a chunnaic e dhaibh mar a rinneadh airsan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc.
17Agus thòisich iad ri guidhe air, gum falbhadh e as an criochan.
18ʼS nuair a bha e dol a stigh doʼn bhàta, thòisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri griosad air a leigeil comhla ris:
19Agus cha do leig e leis, ach thuirt e ris: Falbh dhachaidh gu do mhuinntir, us innis dhaibh a mhiad ʼsa rinn an Tighearna riut, ʼs mar ghabh e truas riut.
20Us dhʼfhalbh e, agus thòisich e ri innse ann an Decapolis a mhiad sa rinn Iosa ris; agus ghabh iad uile iongantas.
21ʼS nuair a chaidh Iosa thar an aiseag a rithist sa bhàta, thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir.
22Agus thainig fear de dhʼuachdrain an t-sinagoig, dhaʼm bʼainm Iairus; ʼs ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan,
23Agus ghuidh e gu cruaidh air, a g-radh: Tha mo nighean ri uchd bàis, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, ʼs gum bi i beo.
24Us dhʼfhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, us bha iad a domhlachadh uime.
25Agus boirionnach, air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna dhiag,
26ʼSa dhʼfhuilig moran bho iomadh lighich, ʼsa chosg a cuid uile, ʼs nach deach dad am feobhas, ach an aite sin am miosad,
27A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh;
28Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan.
29Us thiormaich san uair a tobar fala, agus dhʼfhairich i air a coluinn gun robh a h-eucail air a leigheas.
30Agus dhʼaithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, us thuirt e: Co bhean dha mʼ eideadh?
31Us thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn an t-sluaigh ga dʼ theannachadh, ʼs an abair thu: Co bhean dhomh?
32Agus sheall e mun cuairt a dhʼfhaicinn na té a rinn so.
33Ach am boirionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh ʼs air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, us dhʼinnis i dha an fhirinn gu leir.
34Us thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, us bi air do leigheas bho tʼ eucail.
35Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, a g-radh: Chaochail do nighean: car-son a tha thu cur tuille dragh air a mhaighistir?
36Ach nuair a chual Iosa am facal a bhathas a labhairt, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid.
37ʼS cha do leig e le duine air bith a leanail, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais.
38Us rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chunnaic e an iomairt, us sluagh a gal, ʼsa caoidh gu goirt.
39ʼSa dol a stigh, thuirt e riu: Car-son tha sibh fo bhruaillean, ʼsa gal? cha n-eil an nighean marbh, ach ʼna cadal.
40Us rinn iad gàire fanaid air. Ach air dhasan an cur uile mach, thug e leis athair us mathair na h-ighinn, us iadsan a bha cuide ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean ʼna laidhe.
41ʼSa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cumi, se sin air eadar-theangachadh: A nighean (tha mi g-radh riut), eirich.
42Us dhʼeirich an nighean san uair, us choisich i, oir bha i dà bhliadhna dhiag a dhʼ aois. Agus bʼanabarrach an t-iongantas a ghabh iad.
43Us sparr e gu cruaidh orra, gun neach air bith brath fhaighinn air so; agus dhʼ iarr e rudeigin a thoirt di ri icheadh.
اکنون انتخاب شده:
N. Marc 5: MacETN
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017