N. Marc 12
12
XII. CAIB.
Dubhfhacal an fhion-lios ʼs na tuatha. Còir Chésair air cis. Na Sadusaich air an diteadh. A chiad fhainte. Leth-fheoirlinn na bantraich.
1Us thòisich e ri labhairt riu ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, us chuir e gàradh; mu thimchioll, us chladhaich e amar-fiona, us thog e tùr, us shuidhich e air tuath e, us dhʼfhalbh e gu tir chein.
2Agus chuir e seirbhiseach thun na tuatha san àm, los gum faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhoʼn tuath.
3ʼSa breith air, bhuail iad e, us chuir iad air falbh falamh e.
4Agus a rithist chuir e gan ionnsuidh seirbhiseach eile; us lot iad sa cheann e, agus thug iad taire dha.
5ʼSa rithist chuir e fear eile, ʼs mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad.
6Ach fhathast bha aona mhac ro-ghradhach aige, agus mu dheireadh uile chuir e esan gan ionnsuidh, a g-radh: Bheir iad athadh dha mʼ mhac.
7Ach thuirt an tuath ri cheile: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e; agus bithidh an oighreachd againn fhein.
8ʼSa breith air, mharbh iad e; us thilg iad a mach as a ghàradh-fhiona e.
9Ciod ma ta a ni tighearna a ghàraidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e an tuath sin; agus bheir e ghàradh-fiona do dhʼfheadhainn eile.
10Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach-chinn na h-oisinn di:
11 Leis an Tighearna rinneadh so, ʼs tha e iongantach ʼnar suilean?
12Agus dhʼiarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir bʼaithne dhaibh gum bʼann muʼn deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dhʼfhalbh iad.
13Us chuir iad ga ionnsuidh cuid de na Phairisich, agus de luchd-leanmhuinn Heroid, fiach an glacadh iad e ʼna chainnt.
14Thainig iadsan, us thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chésar, no nach toir sinn i?
15Thuig esan am foill, us thuirt e riu: Car-son tha sibh gam bhuaireadh? faraibh dhomh sgilinn gus am faic mi i.
16Agus thug iad dha i. Us thuirt e riu: Co leis an iomhaigh so, ʼs an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le César.
17Us Iosa freagairt, thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Chésar na bhuineas do Chésar; ʼs do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus ghabh iad iongantas as.
18Agus thainig na Sadusaich ga ionnsuidh, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann; us dhʼfharraid iad dheth, a g-radh:
19A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheobh brathair duine bàs, ʼs gum fag e bean, ʼs nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, ʼs togadh e sliochd dha bhrathair.
20A nis bha seachdnar bhraithrean ann: ʼs ghabh a chiad fhear bean, agus chaochail e gun sliochd fhagail.
21Agus ghabh an darna fear i, agus chaochail esan; ʼs cha mhua dhʼfhag e sliochd. Agus an treas fear mar an ciadna.
22Agus mar sin ghabh an t-seachdnar i; ʼs cha dʼfhag iad sliochd. ʼNan deigh uile dhʼeug am boirionnach fhein.
23Anns an aiseirigh ma ta, nuair dhʼeireas iad, co dhiu sin dhaʼm bi i ʼna mnaoi? oir bha i ʼna mnaoi aig an t-seachdnar.
24Agus fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Nach eil sibh gu beachd a dol mearachd a thaobh so le cion eolais air na sgriobturan, ʼs air cumhachd Dhe?
25Oir nuair a dhʼeireas iad bho na mairbh, cha phos iad, ʼs cha mhua phosar iad, ach tha iad mar na h-ainglean sna flathais.
26Agus a thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an leabhar Mhaois, mar a labhair Dia ris anns a phreas, a g-radh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib?
27Cha Dia nam marbh e, ach nam beo. Tha sibhse uime sin dol fada mearachd.
28Us thainig fear de na Sgriobhaich, a chual iad a consachadh, ʼsa faicinn gur math a fhreagair e iad, dhʼ fharraid e dheth co bʼi a chiad fhainte dhiu uile.
29Us fhreagair Iosa e: Gum bʼ i chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia:
30 Agus bheir thu gaol doʼn Tighearna do Dhia le tʼuile chridhe, agus le tʼuile anam, agus le fuile inntinn, agus le tʼ uile neart. Se so chiad fhainte.
31Agus tha an darna fainte coltach rithe: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so cha n-eil fainte eil ann.
32Us thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gum beil aon Dia ann, ʼs nach eil ann ach e;
33ʼS gur e gaol thoirt da leis an uile chridhe, ʼs leis an uile anam, ʼs leis an uile inntinn, agus leis an uile neart; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile.
34Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Cha n-eil thu fada bho rioghachd Dhe. Us bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air.
35Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt nuair bha e teagasg san teampull: Ciamar tha na Sgriobhaich a cantuinn gur e Criost mac Dhài?
36Oir tha Dài fhein a cantuinn leis an Spiorad Naomh: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol-chas dhut.
37Tha Dài fhein ma ta a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar ma ta is e a mhac? Us dhʼeisd moran sluaigh ris gu deonach.
38Us thuirt e riu ʼna theagasg: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich leis an toil imeachd an culaidhean fada, agus furan fhaighinn air a mhargadh,
39Agus suidhe air na ciad chathraichean anns na sinagogan, ʼs air na ciad shuidheachain aig suipeirean:
40A shluigeas tighean bhantrach air sgàth urnaighean fada: gheobh iad sin binn nas cruaidhe.
41ʼS nuair a bha Iosa ʼna shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha ʼn sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus thilg moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte.
42Agus thainig bantrach bhochd, us chuir i dà leth-fheoirlinn, se sin fairdein, innte.
43ʼSa gairm a dheisciopul, thuirt e riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so tuilleadh na iadsan uile, a chuir anns an tasgaidh.
44Oir ʼsann bho am mor-phailteas a chuir iadsan uile ann; ach ʼsann bho h-uireasuidh a chuir ise, gu ruig a tiochd-an-tir air fad.
اکنون انتخاب شده:
N. Marc 12: MacETN
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017