N. Matu 9
9
IX. CAIB.
Criosla a leigheas na crithe, a gairm Mhatu, a leigheas na te air an robh siubhal fala, a toirt beo nighean Iaruis, a toirt fradhairc do dhithis dhall, ʼsa leigheas balbhain anns an robh deomhan.
1ʼSa dol a stigh do bhàta, chaidh e thairis, us thainig e gu bhaile fhein.
2Agus, seall, thug iad ga ionnsuidh fear air an robh an tinneas-critheach ʼna laidhe air leabaidh. Agus Iosa faicinn an creidimh, thuirt e ris an fhear air an robh a chrith: Biodh misneach agad, a mhic, tha do pheacannan mathte dhut.
3Agus, seall, thuirt cuid dhe na Sgriobhaich riu fhein: Tha e labhairt blaisbheum.
4Agus Iosa faicinn an smaointean, thuirt e: Car-son a tha sibh a smaoineachadh air olc ʼnur cridheachan?
5Co dhiu is fhasa radh: Tha do pheacannan mathte dhut; no gh-radh: Eirich agus coisich?
6Ach air chor ʼs gum bi fios agaibh, gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (an sin thuirt e ri fear na crithe): Eirich, tog do leabadh, us falbh gu do thigh.
7Agus dhʼeirich e, us dhʼ fhalbh e gu thigh.
8Agus an sluagh a faicinn so, ghabh iad eagal us thug iad gloir do Dhia, a thug a leithid so de chomas do dhaoine.
9Agus nuair a thriall Iosa as a sin, chunnaic e fear dhaʼm bʼainm Matu ʼna shuidhe an tigh-na-cise. Us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e.
10Us thachair nuair a bha e ʼna shuidhe aig biadh san tigh, seall, thainig moran chismhaor us pheacach, agus shuidh iad maille ri Iosa, ʼs ri dheisciopuil.
11Agus nuair chunnaic na Phairisich so, thuirt iad ri dheisciopuil: Car-son a tha ur maighistir a g-ithe comhla ri cismhaoir ʼs ri peacaich?
12Ach thuirt Iosa, ʼs e cluinntinn so: Cha n-eil feum aig daoine slan air leigh, ach aig daoine tinne.
13Ach falbhaibh agus ionnsaichibh ciod is ciall dha so: Is aill leam trocair, ʼs cha n-e iobairt. Oir cha tainig mi a ghairm nan naomh, ach nam peacach.
14An sin thainig deisciopuil Eoin ga ionnsuidh, a g-radh: Car-son a tha sinne ʼs na Phairisich a trasgadh gu tric, ʼs nach eil do dheisciopuil-se a trasgadh?
15Us thuirt Iosa riu: An urrainn do fhleasgaich fear-na-bainnse a bhith ri cumha fhad ʼsa bhios fear-na-bainnse maille riu? Ach thig na lài anns an toirear fear-na-bainn-se bhuapa: agus an sin ni iad traisg.
16Agus cha chuir neach air bith breid de dhʼaodach ùr air seann eideadh: oir bheir e ʼliad fhein as an eideadh, us bithidh an stracadh nas miosa.
17Cha mhua chuireas iad fion ùr an seann searragan; air-neo sgàinidh na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan. Ach thathas a cur fiona ùir an searragan ùra, agus tiarnar an dà chuid.
18Nuair bha e labhairt so riu, seall, thainig uachdran àraidh h-uige, us thug e aoradh dha, a g-radh: A Thighearna, chaochail mo nighean san uair so, ach thig-se, cuir do lamh oirre, agus thig i beo.
19Us Iosa a g-eirigh, lean e e, agus a dhiesciopuil.
20Agus, seall, boirionnach air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna-dhiag a tighinn air a chulaobh, bhean i do dhʼfhaitheam eididh.
21Oir thuirt i rithe fhein: Ma bheanas mi a mhain dha eideadh, bithidh mi slan.
22Ach Iosa a tionndadh ʼs ga faicinn, thuirt e: Biodh misneach agad, a nighean, rinn do chreideamh slan thu. Us bha ʼm boirionnach slan bho ʼn uair sin.
23Agus nuair a thainig Iosa gu tigh an uachdrain, ʼsa chunnaic e an luchd-ciuil ʼsa chuideachda ri toirm mhoir, thuirt e:
24Rachaibh as an rathad: oir cha n-eil a chaileag marbh, ach ʼna cadal. Us rinn iad gaire-fanaid air.
25ʼS nuair a chuireadh a mach a chuideachda, chaidh e stigh: agus rug e air laimh oirre. Us dhʼeirich a chaileag.
26Agus sgaoil iomradh air so feadh na ducha sin gu leir.
27ʼS nuair a thriall e as a sin, lean dithis dhall e, a g-eigheach, ʼsa cantuinn: Gabh truas ruinn, a Mhic Dhài.
28Agus nuair a thainig e thun an tighe, thainig na doill ga ionnsuidh. Us thuirt Iosa riu: Am beil sibh a creidsinn gur urrainn domh so dhianamh dhuibh? Tha, a Thighearna, arsa iadsan ris.
29An sin bhean e dhaʼn suilean, a g-radh: Biodh e dhuibh a reir ur creidimh.
30Us dhʼfhosgladh an suilean. Agus mhaoidh Iosa orra, a g-radh: Faicibh nach fhaigh neach air bith fios air so.
31Ach dhʼfhalbh iadsan, agus sgaoil iad a chliu feadh na duthcha sin uile.
32ʼS an deigh dhaibhse falbh, seall, thug iad ga ionnsuidh balbhan, anns an robh deomhan.
33Agus nuair a chuireadh a mach an deomhan, labhair am balbhan, agus ghabh an sluagh iongantas, a cantuinn: Cha n-fhacas riamh leithid so an Israel.
34Ach thuirt na Phairisich: ʼSann le prionnsa nan deomhan a tha e cur a mach dheomhan.
35Us dhʼimich Iosa mun cuairt feadh nan caithrichean ʼs nam bailtean uile, a teagasg ʼnan sinagogan, ʼsa searmonachadh soisgeul na rioghachd, ʼsa leigheas a h-uile eugail, ʼsa h-uile easlaint.
36ʼSa faicinn an t-sluaigh ghabh e truas riu: a chionn ʼs gun robh iad air an sarachadh ʼs ʼnan laidhe mar chaoraich gun bhuachaille.
37An sin thuirt e ri dheisciopuil: Tha ʼm foghar ga rireamh pailt, ach an luchd-oibre gann.
38Uime sin guidhibh air Tighearna an fhoghair, e chur luchd-oibre gu fhoghar fhein.
اکنون انتخاب شده:
N. Matu 9: MacETN
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017