N. Matu 16
16
XVI. CAIB.
Criosta, diultadh comharradh bho neamh a thoirt do na Phairisich: aideachadh Pheadair a faighinn duaise: thathas ga chronachadh air son cur an aghaidh pais Chriosta: Crìosta diultadh comharradh bho neamh a thoirt do na Phairisich: aideachadh Pheadair a faighinn duaise: thathas ga chronachadh air son cur an aghaidh pàis Chriosta: feumaidh a luchd-leanmhuinn uile iad fhein aicheadh.
1Agus thainig na Phairisich ʼs na Sadusaich h-uige ga bhuaireadh; us dhʼ iarr iad air comharradh fhiachuinn dhaibh bho neamh.
2Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Nuair a thig am feasgar, their sibh: Bithidh aimsir mhath ann; oir thaʼn t-athar dearg.
3Agus sa mhaduinn: Bithidh stoirm ann an diugh; oir tha an t-athar ruadh agus gruamach.
4Is aithne dhuibh ma ta aghaidh nan speur a bhreithneachadh: agus nach urrainn duibh comharran nan aimsir a thuigsinn? Tha ginealach olc agus adhaltranach a g-iarraidh comharraidh: us comharradh cha toirear dha, ach comharradh an fhàidh Ionas. Agus gam fagail dhʼfhalbh e.
5ʼS nuair a thainig a dheisciopuil thar a chaol, dhiochuimhnich iad builionnan arain a thoirt leo.
6Agus thuirt e riu: Bithibh faicilleach, us thugaibh an aire oirbh fhein bho thaois ghoirt nam Phairiseach ʼs nan Sadusach.
7Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh: ʼSann air son nach tug sinn builionnan leinn.
8Ach Iosa a tuigsinn so, thuirt e: Car-son tha sibh a smaoineachadh agaibh fhein, O lag-chreidiche, gur h-ann air son nach eil aran agaibh?
9Nach eil sibh a tuigsinn fhathast, no cuimhneachadh nan coig builionnan am measg choig mile fear, ʼs co miad cliabh a thog sibh?
10No nan seachd builionnan am measg cheithir mile fear, agus co miad cliabh a thog sibh?
11Car-son nach do thuig sibh nach ann muʼn aran a thuirt mi ribh: Bithibh air ur faicill bho thaois-ghoirt nam Phariseach ʼs nan Sadusach?
12An sin thuig iad nach tuirt e, iad a bhith air am faicill bho thaois-ghoirt nam builionnan, ach bho theagasg nam Phairiseach ʼs nan Sadusach.
13Agus thainig Iosa gu criochan Chesaréa Philippi; ʼs dhʼfharraid e dhe dheisciopuil, a g-radh: Co tha daoine a g-radh is e Mac an duine?
14Agus thuirt iadsa: Cuid gur tu Eoin Baiste, us cuid Elias, us cuid eile Ieremias, no fear dhe na faidhean.
15Thuirt Iosa riu: Ach co tha sibhse a g-radh is mi?
16Simon Peadar a freagairt, thuirt e: Is tusa Criosta, Mac an De bheo.
17Us Iosa a freagairt, thuirt e ris: Is beannaichte thusa, Shimoin Bhar-Iona; oir cha n-iad feoil us fuil a thaisbean sin dhutsa, ach mʼ Athair a tha air neamh.
18Agus tha mise g-radh riut: Gur tusa Peadar,#16.18 XVI.18, tusa Peadar. Mar a rinn N. Peadar an so, le taisbeanadh bho Dhia, aideachadh follaiseach dhe chreideamh ann an diadhachd Chriosta; air an achd chiadna, mar dhuais air son a chreidimh ʼs air son an aideachaidh so, dhʼinnis ar Slanair dha an so an ard inbhe gus an robh e dol ga thogail: bʼe sin gum biodh esan, dhaʼn tug e mar-tha an t-ainm Peadar, a bha ciallachadh creige, Eoin 1.42, a rireadh ʼna charraig, air nach gabhadh buaidh a thoirt, gu togail na h-eaglaise a dhaingneachadh, togail anns am biodh e fhein as deigh Chriosta ʼna phriomh chlach-steidh, ʼs ʼna chiad bhuachaille, riaghladair, us fhear-stiuraidh na h-eaglaise; aig am biodh air an aobhar sin uile lanachd de chumhachd na cleir, oir bʼe so bha iuchraichean rioghachd fhlathanais a comharrachadh. — Ibid. Air a charraig so, &c. Bʼionnan briathran Chriosta ri Peadar, agus ʼsann sa chanan chumanta measg nan Iudhach a labhair ar Slanair iad, ʼs gun abradh e sa Ghailig: Is tu carraig, ʼs air a charraig so togaidh mise mʼeaglais. Air chor ʼs le seadh soilleir nam facal a ghabhail, gum beil Peadar air ainmeachadh an so a cheart charraig air am biodh an eaglais air a togail: agus Criosta fhein ʼna phriomh steidh araon agus ʼna fhear-togail aice. Gabh beachd cuideachd, gun do dhion Criosta i, le thigh, se sin le eaglais a thogail air creig, an aghaidh a h-uile stoirm agus tuil, mar fhear-togail glic, Matu 7.24, 25. — Ibid. Geatachan ifrinn. ʼS iad sin cumhachdan an dorchadais agus na ʼs urrainn Satan a dhianamh leis fhein, no le a luchd-cuideachaidh. Oir mar tha an eaglais air a samhlachadh an so ri tigh no ri daigneach togte air creig, samhlaichear cuideachd na cumhachdan naimhdeil ri daigneach ʼna h-aghaidh, ʼs nach urrainn an geatachan, se sin an uile neart ʼs an uile oidhirp, ge air bith iad, buaidh thoirt air baile, se sin eaglais Chriosta. Leis a ghealltanas so tha sinn air ar dianamh cinnteach nach toir iodhal-aoradh, eiriceachd, no mearachd caillteach sam bith gu bràth buaidh air eaglais Chriosta. agus air a charraig so togaidh mi mʼ Eaglais, ʼs cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.
19Us bheir mi dhut iuchraichean rioghachd fhlathanais. Agus ciod sa bith a cheanglas tu air talamh, bithidh e ceangailte air neamh: agus ciod sa bith a dhʼfhuasglas tu air talamh,#16.19 XVI.19. a dhʼfhuasglas tu air talamh. Ri fuasgladh bho chuibhrichean na pein aimsireil, a tha fuaighte ris a pheacadh, theirear laghadh-eaglais; tha comas leithid de dhʼfhuasgladh a dhianamh air a thoirt seachad an so. bithidh e fuasgailte air neamh.
20An sin dhʼorduich e dha dheisciopuil, gun iad a dhʼ innse do neach air bith gum bʼ esan Iosa an Criosta.
21Bho ʼn àm sin thòisich Iosa ri fhiachuinn dha dheisciopuil gum feumadh e dol gu Ierusalem, ʼs moran fhulang bho na seanairean, ʼs na Sgriobhaich, ʼs na h-ard-shagairt, ʼsa bhith air a chur gu bàs, agus eirigh air an treas latha.
22An sin thug Peadar air leth e, agus theann e ri chronachadh, a g-radh: Gum bu fada so bhuat, a Thighearna: cha thachair so dhut.
23Ach a tionndadh thuirt e ri Peadar: Falbh air mo chul, a shatain, tha thu na dʼ sgainnoal domh: a chionn nach blasda leat nichean Dhe, ach nichean dhaoine.
24An sin thuirt Iosa ri dheisciopuil: Ma ʼs aill le neach air bith tighinn am dheigh, aicheadhadh e e fhein, us togadh e chrois, agus leanadh e mi.
25Oir an neach leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: ach an neach a chailleas a bheatha as mo lethse, gheobh e i.
26Oir ciod e ʼs fheairrde duine, ged a choisneadh e an saoghal gu leir, ma chailleas e anam? No ciod e an eirig a bheir duine air son anma?
27Oir thig Mac an duine an gloir Athar le ʼainglean: ʼs an sin bheir e do gach neach air reir ʼoibrichean.
28Gu dearbh tha mi g-radh ribh: gum beil cuid ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad Mac an duine tighinn ʼna rioghachd fhein.
اکنون انتخاب شده:
N. Matu 16: MacETN
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017