N. Matu 12

12
XII. CAIB.
Criosta cronachadh doille nam Phairiseach, ʼsa fiachuinn nach e Satan ughdair a mhiarailtean.
1San àm sin chaidh Iosa tro arbhar air an t-sàbaid; agus thòisich a dheisciopuil, ʼs iad air acras, ri spionadh dhias, agus ri ʼn iche.
2Ach na Phairisich a faicinn so, thuirt iad ris: Seall, tha do dheisciopuil a dianamh rud nach eil ceadaichte a dhianamh air laithean na sàbaid.
3Ach thuirt esan riu: Nach do leugh sibh ciod a rinn Dài, ʼs e air acras, ʼs an fheadhainn a bha comhla ris:
4Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe, us dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte dha iche, no dhaibhse a bha comhla ris, ach do na sagairt a mhain?#12.4 XII. 4. Na builionnan-tairgse. Mar sin theirear ris an dà bhuilionn-dhiag a bha air an cur roi ʼn ionad Naomh san teampull.
5No nach do leugh sibh san lagh, gum beil na sagairt a bristeadh na sàbaid san teampull, ʼs iad saor bho choire?
6Ach tha mise g-radh ribh gum beil neach nas mua na an teampull an so.
7Ach nam bʼaithne dhuibh ciod e: Is aill leam trocair, ʼs cha n-e iobairt: cha bhiodh sibh riamh air diteadh nan neochiontach.
8Oir is Tighearna air an t-sàbaid fhein Mac an duine.
9ʼS nuair a thriall e as a sin, thainig e stigh doʼn t-sinagog aca.
10Agus fiach duine aig an robh lamh sheargte, agus dhʼfhaighnich iad dheth, a g-radh: Am beil e laghail leigheas a dhianamh air latha na sàbaid? los coire chur as a leth.
11Ach thuirt esan riu: Co an duine agaibhse aig a bheil aon chaora, ʼs ma thuiteas i ann an slochd air an t-sàbaid, nach beir oirre, ʼs nach tog as i?
12Nach mor is fhearr duine na caora? Air an aobhar sin tha e laghail math a dhianamh air an t-sàbaid.
13An sin thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Us shìn e i, agus rinneadh slan i mar an té eile.
14Agus chaidh na Phairisich a mach, us ghabh iad comhairle ʼna aghaidh, ciamar a chuireadh iad a dhith e.
15Ach Iosa a tuigsinn so, dhʼfhalbh e as a sin, us lean moran e, agus leighis e iad uile.
16Agus dhʼ àithn e orra gun iad ga dhianamh follaiseach:
17Los gun coimhlionteadh na chaidh a labhairt leis an fhaidh Isaias, a g-radh:
18 Seall mo sheirbhiseach a thagh mi, mʼannsachd, dheth na ghabh mʼanam mor-thlachd. Cuiridh mi mo spiorad air, us foillsichidh e breitheanas do na cinnich.
19 Cha dian e consachadh ʼs cha ghlaodh e, cha mhua chluinneas duine a ghuth air na straidean.
20 A chuilc bhruite cha bhrist e, agus an lion smuideach cha mhùch e, gus an cuir e breitheanas air adhart gu buaidh.
21 Agus ʼna ainm cuiridh na cinnich an earbsa.
22An sin thugadh ga ionnsuidh duine anns an robh deomhan, ʼs e dall agus balbh; us leighis e e, ionnus guna bhruidhinn ʼs gum fac e.
23Us ghabh an sluagh uile iongantas, us thuirt iad: Nach e so Mac Dhài?
24Agus na Phairisich a cluinntinn so, thuirt iad: Cha n-eil an duine so a cur a mach dheomhan ach le Beelsebub prionnsa nan deomhan.
25Ach Iosa a tuigsinn an smaointean, thuirt e riu: A h-uile rioghachd, a thʼair a roinn ʼna h-aghaidh fhein, nitear ʼna fasach i: ʼsa h-uile baile no tigh a thʼ air a roinn ʼna aghaidh fhein, cha sheas e.
26Agus ma chuireas satan a mach satan, tha e air a roinn ʼna aghaidh fhein: cia-mar ma ta a sheasas a rioghachd?
27Agus ma ʼsann le Beelsebub a tha mise tilgeil a mach dheomhan, co leis tha ur cloinn fhein gan tilgeadh a mach? Air an aobhar sin bithidh iadsa ʼnam britheamhnan oirbh.
28Ach ma ʼsann le Spiorad Dhe a tha mise tilgeadh a mach dheomhan, an sin thainig rioghachd Dhe guʼr n-ionnsuidhse.
29No ciamar is urrainn do neach dol a stigh do thigh duine laidir, us ʼairneis a spuilleadh, mar ceangail e an toiseach an duine laidir? ʼs an sin creachaidh e a thigh.
30An neach nach eil leam, tha e na mʼ aghaidh, ʼs an neach nach eil a tional maille rium, tha e sgapadh.
31Uime sin tha mi g-radh ribh: Mathar a h-uile peacadh agus blaisbheum do dhaoine, ach cha mhathar blaisbheum an aghaidh an Spioraid.
32Agus neach air bith a their facal an aghaidh Mhic an duine, mathar dha e: ach an neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhathar dha e san t-saoghal so, no san t-saoghal ri tighinn.#12.32 XII. 32. No san t-saoghal ri tighinn. Leis na briathran so tha N. Uistean us N. Grigor a fiachuinn gum faod cuid de pheacannan bhith air am mathadh san ath shaoghal, us leis a sin gu bheil purgadair no aite miadhonach ann.
33An darna cuid, dianaibh a chraobh math, ʼs am meas math; no dianaibh a chraobh olc ʼs am meas olc: ʼs gur ann air a meas a dhʼaithnear a chraobh.
34A ghineil nan nathraichean, ciamar is urrainn duibh nichean matha labhairt, nuair tha sibh fhein olc? ʼs gur ann bho phailteas a chridhe a labhras am bial.
35Bheir duine math a mach bho iuntas math nichean matha: agus bheir duine olc a mach bho iuntas olc nichean olca.
36Ach tha mi g-radh ribh, gun toir daoine cunntas latha bhreitheanais air a h-uile facal diomhain#12.36 XII. 36. a h-uile facal diomhain Tha so ʼna dhearbhadh gum teum ionad a bhith ann as deigh so far an diolar car uine air son nan ciontan aotrom. a labhras iad.
37Oir ʼsann bho do bhriathran a shaorar thu, agus ʼsann bho do bhriathran a dhìtear thu.
38An sin fhreagair cuid de na Sgriobhaich agus de na Phairisich, a g-radh: A mhaighistir, bu mhath leinn comharradh fhaicinn bhuat.
39Thuirt esan, ʼs e gam freagairt: Tha ginealach olc agus adhaltranach a g-iarraidh comharraidh; us comharradh cha toirear dhaibh, ach coniharradh Ionais am faidh.
40Oir mar bha Ionas tri laithean ʼs tri oidhchean am broinn na muice-mara: is amhuil a bhios Mac an duine tri laithean agus tri oidhchean an cridhe an talmhuinn.
41Eiridh muinntir Ninibhé am breitheanas leis a ghinealach so, us ditidh iad e: a chionn guna ghabh iad aithreachas ri searmonachadh Ionais. Agus, seall, tha nas mua na Ionas an so.
42Eiridh banrighn na h-airde-deas am breitheanas leis a ghinealach so, us ditidh i e: a chionn ʼs gun tainig i bho iomall an t-saoghail a dhʼeisdeachd ri gliocas Sholomoin. Agus seall nas mua na Solomon an so.
43Nuair a theid deomhan neoghlan a mach á duine, siubhlaidh e feadh aiteachan tiorma a sireadh foise, ʼs cha n-fhaigh e i.
44An sin their e: Tillidh mi gu mʼ fhardaich fhein as an tainig mi. ʼSa tighinn gheobh e i falamh, sguabte, us sgeadaichte.
45An sin falbhaidh e us bheir e leis seachd spioraid eile nas miosa na e fhein, ʼsa dol a stigh fuirghidh iad an sin: us bithidh deireadh an duine sin nas miosa na thoiseach. Sin mar a dhʼeirgheas doʼn ghinealach choirbte so.
46Nuair a bha e fhathast a labhairt ris an t-sluagh, seall sheas a mhathair ʼs a bhraithrean#12.46 XII. 46. ʼS a bhraithrean. Bʼ iad so mic Mairi bean Chleophais (faic 13. 55), piuthar ar Baintighearna Beannaichte (Matu 27.56; Eoin 19.25), us leis a sin a reir labhairt ghnathaichte nan Sgriobtur, theirte braithrean riu, se sin dlùth-chairdean ar Slanair. a muigh a g-iarraidh labhairt ris.
47Us thuirt duine àraidh ris: Seall do mhathair us do bhraithrean ʼnan seasamh a muigh, ga dʼ iarraidh.
48Ach esan a toirt freagairt do ʼn urra a dhʼinnis dha, thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?
49ʼSa sineadh a laimh a dhʼionnsuidh a dheisciopul, thuirt e: Faic mo mhathair agus mo bhraithrean.
50Oir co sa bith a ni toil mʼAthar, a tha air neamh, is esan mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.

انتخاب شده:

N. Matu 12: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید