N. Matu 11

11
XI. CAIB.
Eoin a cur a dheisciopul gu Criosta; Criosta toirt achasain do na h-Iudhaich air son am mi-chreidimh, ʼsa gairm h-uige na feadhnach a bha anrach.
1Agus thachair, nuair chriochnaich Iosa a chomhairleachadh a dhà dheisciopul diag, gun dʼfhalbh e á sin a theagasg ʼsa shearmonachadh sna bailtean aca.
2A nis nuair a chual Eoin sa phriosan oibrichean Chriosta, chuir e dithis dhe dheisciopuil ga ionnsuidh,
3Us thuirt e ris: An tu esan a tha ri tighinn, no am bi duil againn ri fear eile?
4Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Falbhaibh agus innsibh do dhʼEoin na nichean a chuala ʼsa chunnaic sibh.
5Tha na doill a faicinn, na bacaich a g-imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a cluinntinn, na mairbh a g-eirigh a rithist, ʼs an soisgeul air a theagasg do na bochdan.
6Agus is beannaichte esan nach gabh sgainneal asamsa.
7ʼS an deigh dhaibh-san falbh, thoisich Iosa ri labhairt ris an t-sluagh mu Eoin: Ciod a chaidh sibh a mach do ʼn fhasach a dhʼfhaicinn? an e cuilc air a crathadh leis a ghaoith?
8Ach ciod a chaidh sibh a mach a dhʼfhaicinn? an e duine air eideadh an aodach mìn? seall, tha iadsan, a tha caitheamh aodach mìn, an tighean righrean.
9Ach ciod a chaidh sibh a mach a dhʼfhaicinn? an e faidh? Se, tha mi g-radh ribh, us tuilleadh na faidh.
10Oir se so esan mu bheil e sgribhte: Fiach, tha mise cur mʼaingil romh do ghnuis, a reiticheas do rathad romhad.
11Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Cha dʼeirich de shliochd nam ban nas mua na Eoin Baiste: ach an t-aon is lugha an rioghachd neamh se is mua na esan.
12Agus bho lài Eoin Baiste gus a nis, tha rioghachd fhlathanais a fulang ainneirt,#11.12 XI.12. Fulang ainneirt. Cha choisnear i ach le fior neart, le fein-chlaoidh, ʼs le cur an aghaidh ar n-ana-miannan. agus ʼsiad luchd an ainneirt a bheir a mach i.
13Oir bha na faidhean uile agus an lagh ri faisneachd gu linn Eoin.
14Agus ma ʼs math leibh a chluinntinn, se so Elias, a bha ri tighinn.
15Am fear aig a bheil cluasan gu eisdeachd, eisdeadh e.
16Ach co ris a shamlaicheas mi an ginealach so? Tha e coltach ri cloinn ʼnan suidhe sa mhargadh, ʼsa g-eigheach riʼn companaich,
17A g-radh: Sheinn sinn dhuibh, agus cha do dhanns sibh: rinn sinn cumha, agus cha do ghuil sibh.
18Oir thainig Eoin cha n-ann a g-icheadh no g-ol, ʼs tha iad a g-radh: Tha deomhan aige.
19Thainig Mac an duine a g-icheadh ʼsa g-ol, ʼs tha iad a g-radh: Seall, fear a tha ʼna gheocaire, ʼs ʼna phoitear fiona, ʼna charaid chismhaor us pheacach. Agus tha gliocas air a firinneachadh le cloinn fhein.
20An sin thòisich e ri cronachadh nam bailtean anns an dʼrinneadh a mhor chuid dhe mhiarailtean, a chionn nach dʼrinn iad aithreachas.
21Mo thruaighe thu, Chorosain; mo thruaighe thu, Bhethsaida: oir nam bʼann an Tirus no an Sidon, a dhiante na miarailtean a rinneadh unnaibhse, is fhada bho na ghabhadh iad aithreachas an cainb-aodach ʼs an luath.
22Ach tha mi g-radh ribh: Gum fiachar tuilleadh baigh do Thirus ʼs do Shidon latha bhreitheanais, na dhuibhse.
23Agus thusa, Chapharnaum, an e gun togar suas gu ruig neamh thu? theid thu sios gu ruig iutharna. Oir nan diante na miarailtean a rinneadh unnadsa ann an Sodom, theagamh gum maireadh e gus an latha an diugh.
24Ach tha mise g-radh ribh, gum bithear nas iochdoire latha bhreitheanais ri talamh Shodoim na riutsa.
25San àm sin fhreagair Iosa, us thuirt e: Tha mi toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna neamh agus talmhuinn, a chionn ʼs gun dʼfhalaich thu na nichean so bho dhaoine glice agus tùrail, agus gun do thaisbean thu iad do leanabanan.
26Seadh, Athair: a chionn gun robh sin taitneach ad shuilean-sa.
27Liubhradh a h-uile ni dhomhsa le mʼAthair. ʼS cha n-aithne do dhuine air bith am Mac, ach do ʼn Athair; ʼs cha mhua is aithne do dhuine air bith an t-Athair, ach doʼn Mhac, ʼs an neach dha ʼn deonaich am Mac a thaisbeanadh.
28Thigibh gam ionnsuidhse uile, a tha ri saothair, agus fo eallaich, us bheir mise furtachd dhuibh.
29Togaibh mo chuing oirbh, us ionnsuichibh bhuam-sa, chionn gum beil mi ciuin us iriosal an cridhe, agus gheobh sibh fois dha ʼr n-anmannan.
30Oir tha mo chuing mìn, agus mʼeallach aotrom.

اکنون انتخاب شده:

N. Matu 11: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید