Lùcas 23
23
1Agus air èirigh dan cuideachd uile, thug iad e gu Pilat.
2Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.
3Agus dh’fheòraich Pilat dheth, ag ràdh, An tusa rìgh nan Iùdhach? Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Tha thu ga ràdh.
4An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd-shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo.
5Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo.
6Nuair a chuala Pilat mu Ghalile, dh’fheòraich e am bu Ghalilèach an duine.
7Agus nuair a chuala e gum b’ann fo uachdaranachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha e fhèin ann an Ierusalem anns na làithean sin.
8Agus nuair a chunnaic Herod Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air esan fhaicinn, do bhrìgh gun cuala e mòran uime; agus bha dùil aige gum faiceadh e mìorbhail-eigin air a dhèanamh leis.
9An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air.
10Agus sheas na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian.
11Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e.
12Agus rinneadh Pilat agus Herod nan càirdean da chèile anns an là sin: oir bha iad roimhe sin an naimhdeas ri chèile.
13Agus nuair a ghairm Pilat an ceann a chèile na h‑àrd-shagartan, agus na h‑uachdarain, agus an sluagh,
14Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh-sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air;
15No mar an ceudna Herod: oir chuir mi da ionnsaigh sibh, agus, feuch, cha do rinneadh nì air bith leis toilltinneach air bàs.
16Uime sin, air dhòmhsa a smachdachadh, leigidh mi as e.
17(Oir b’èiginn dha aon a leigeadh as dhaibh air an fhèill.)
18Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas:
19(Neach airson ceannairc àraidh a rinneadh anns a’ bhaile, agus airson mortaidh, a thilgeadh am prìosan.)
20Air an adhbhar sin labhair Pilat riu a‑rìs, air dha a bhith toileach Iosa a chur fa sgaoil.
21Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceus e, ceus e.
22Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.
23Agus laigh iadsan air le guthan mòra, ag iarraidh esan a cheusadh: agus bhuadhaich an guthan-san, agus guthan nan àrd-shagart.
24Agus thug Pilat breith gun dèante na dh’iarr iad.
25Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil.
26Agus an tràth a thug iad leo e, rug iad air Sìmon, duine àraidh o Chirène, a bha a’ teachd on dùthaich, agus chuir iad an crann-ceusaidh air, ga ghiùlan an dèidh Iosa.
27Agus lean cuideachd mhòr e den t‑sluagh, agus de mhnathan, a bha mar an ceudna ri bròn, agus ga chaoineadh-san.
28Ach air tionndadh do Iosa riu, thubhairt e, A nigheanan Ierusaleim, na guilibh air mo shon-sa, ach guilibh air ur son fhèin, agus airson ur cloinne:
29Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo-thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne.
30An sin tòisichidh iad air a ràdh ris na beanntan, Tuitibh oirnne; agus ris na cnuic, Falaichibh sinn.
31Oir ma nì iad na nithean seo ris a’ chrann ùr, ciod a nì iad ris a’ chrìonaich?
32Agus thugadh mar an ceudna dithis eile, a bha nan luchd droch-bheairt, a‑chum a bhith air an ceusadh maille ris.
33Agus nuair a thàinig iad don àite den goirear Calbhari, an sin cheus iad e fhèin, agus na droch dhaoine, fear dhiubh air a làimh dheis, agus am fear eile air a làimh chlì.
34An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.
35Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.
36Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon-geur dha.
37Agus ag ràdh, Mas tu rìgh nan Iùdhach, teasairg thu fhèin.
38Agus bha sgrìobhadh mar an ceudna air a sgrìobhadh os a chionn, ann an litrichean Grèigis, agus Laidinn, agus Eabhra, IS E SEO RÌGH NAN IÙDHACH.
39Agus thug aon de na droch dhaoine a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, Mas tu Crìosd, saor thu fhèin agus sinne.
40Ach fhreagair am fear eile, agus chronaich e e, ag ràdh, Nach eil eagal Dhè ort, agus gu bheil thu fon aon dìteadh ris?
41Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith.
42Agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, cuimhnich ormsa nuair a thig thu dod rìoghachd.
43Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras.
44Agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoidheamh uair.
45Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat-roinn an teampaill na mheadhon.
46Agus nuair a ghlaodh Iosa le guth mòr, thubhairt e, Athair, tha mi a’ tiomnadh mo spioraid ad làmhan-sa: agus nuair a thubhairt e seo, thug e suas an deò.
47A‑nis nuair a chunnaic an ceannard-ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo.
48Agus an sluagh uile a chruinnich a dh’ionnsaigh an t‑seallaidh sin, nuair a chunnaic iad na nithean a rinneadh, thill iad air an ais, a’ bualadh an uchd.
49Agus sheas a luchd-eòlais uile, agus na mnathan a lean e o Ghalile, fad as, ag amharc air na nithean sin.
50Agus, feuch, duine àraidh dom b’ainm Iòseph, comhairleach, a bha na dhuine math, agus na fhìrean;
51(Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè.
52Chaidh esan gu Pilat, agus dh’iarr e corp Iosa.
53Agus air dha a thoirt a‑nuas, phaisg e ann an lìon-aodach e, agus chuir e ann an uaigh e a chladhaicheadh à carraig, anns nach do chuireadh aon duine riamh roimhe.
54Agus b’e sin là an ullachaidh, agus bha an t‑sàbaid am fagas.
55Agus lean na mnathan a thàinig maille ris o Ghalile, agus chunnaic iad an uaigh, agus cionnas a chuireadh a chorp.
56Agus thill iad, agus dh’ullaich iad spìosraidh agus ola deagh fhàile; agus ghabh iad tàmh air là na sàbaid, a rèir na h‑àithne.
اکنون انتخاب شده:
Lùcas 23: ABG1992
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017