Lùcas 18

18
1Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;
2Ag ràdh, Bha britheamh ann am baile àraidh, air nach robh eagal Dhè, agus aig nach robh urram do dhuine:
3Agus bha bantrach àraidh anns a’ bhaile sin, agus thàinig i da ionnsaigh, ag ràdh, Cùm còir rium an aghaidh mo nàmhaid.
4Agus cha b’àill leis rè tamaill: ach na dhèidh sin thubhairt e ann fhèin, Ged nach eil eagal Dhè orm, no urram agam do dhuine;
5Gidheadh airson gu bheil a’ bhantrach seo a’ cur dragha orm, cumaidh mi còir rithe, air eagal le a sìor-theachd gun sgìthich i mi.
6Agus thubhairt an Tighearna, Eisdibh ciod a tha am britheamh eucorach ag ràdh,
7Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad-fhulangach mun timcheall?
8Tha mi ag ràdh ribh gun dèan e dìoghaltas air an son gu luath. Gidheadh, nuair a thig Mac an Duine, am faigh e creideamh air an talamh?
9Agus labhair e an cosamhlachd seo ri dream àraidh a bha ag earbsa asda fhèin gu robh iad nam fìreanan, agus a bha a’ dèanamh tàir air dream eile:
10Chaidh dithis dhaoine suas don teampall a dhèanamh ùrnaigh; fear dhiubh na Pharasach, agus am fear eile na chìs-mhaor.
11Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile, nan luchd-fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor seo.
12Tha mi a’ trasgadh dà uair anns an t‑seachdain, tha mi a’ toirt deichimh as na h‑uile nithean a tha mi a’ sealbhachadh.
13Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.
14Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.
15Agus thug iad da ionnsaigh mar an ceudna naoidheanan, a‑chum gum beanadh e riu: agus nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad.
16Ach air do Iosa an gairm da ionnsaigh, thubhairt e, Fuilingibh do na leanaban teachd am ionnsaigh-sa, agus na bacaibh iad; oir is ann dan leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.
17Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e air chor sam bith a‑steach innte.
18Agus dh’fheòraich uachdaran àraidh dheth, ag ràdh, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
19Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, eadhon Dia.
20Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mortadh, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.
21Agus thubhairt esan, Choimhead mi iad sin uile om òige.
22Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.
23Agus nuair a chuala e seo, bha e ro‑dhuilich; oir bha mòr-bheartas aige.
24Agus nuair a chunnaic Iosa gun robh e làn tùirse, thubhairt e, Cia deacair dhaibhsan aig a bheil saoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!
25Oir is fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
26Agus thubhairt iadsan a chuala seo, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?
27Ach thubhairt esan, Na nithean a tha eu‑comasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia.
28An sin thubhairt Peadar, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa.
29Agus thubhairt esan riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil aon neach a thrèig taigh, no pàrantan, no bràithrean, no bean-phòsda, no clann airson rìoghachd Dhè,
30Nach faigh mòran nas mò anns an aimsir seo a tha an làthair, agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach.
31Agus ghabh e an dà‑fhear-dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem, agus bidh na h‑uile nithean a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh.
32Oir bheirear thairis e do na Cinnich, agus thèid fanaid a dhèanamh air, agus maslaichear e, agus tilgear smugaid air;
33Agus sgiùrsaidh agus marbhaidh iad e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.
34Agus cha do thuig iadsan aon nì dhiubh seo: agus bha na briathran seo falaichte orra, agus cha b’aithne dhaibh na nithean a chaidh a labhairt.
35Agus thàrladh, nuair a dhruid e ri Iericho, gu robh dall àraidh na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce;
36Agus air cluinntinn an t‑sluaigh a’ dol seachad, dh’fheòraich e ciod e seo.
37Agus dh’innis iad dha gum b’e Iosa o Nàsaret a bha a’ gabhail seachad.
38Agus ghlaodh e, ag ràdh, Iosa mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.
39Agus chronaich iadsan a bha air thoiseach e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu mhò gu mòr a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.
40Agus air seasamh do Iosa, dh’àithn e a thoirt da ionnsaigh: agus nuair a thàinig e am fagas dha, dh’fheòraich e dheth,
41Ag ràdh, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Agus thubhairt esan, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.
42Agus thubhairt Iosa ris, Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu.
43Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e e, a’ toirt glòire do Dhia: agus thug an sluagh uile cliù do Dhia, nuair a chunnaic iad seo.

اکنون انتخاب شده:

Lùcas 18: ABG1992

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید