Eòin 9

9
1Agus nuair a ghabh Iosa seachad, chunnaic e duine a bha dall o rugadh e.
2Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cò a pheacaich, an duine seo, no a phàrantan, gun do rugadh dall e?
3Fhreagair Iosa, Cha do pheacaich aon chuid an duine seo, no a phàrantan: ach a‑chum gum foillsichte obraichean Dhè ann.
4Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh.
5Am feadh tha mise anns an t‑saoghal, is mi solas an t‑saoghail.
6Nuair a thubhairt e na nithean seo, chuir e sile air an talamh, agus rinn e criadh den t‑sile, agus sgaoil e a’ chriadh air sùilean an doill.
7Agus thubhairt e ris, Imich, ionnlaid ann an lochan Shilòaim (is e sin air eadar-theangachadh, Air a chur). Uime sin dh’imich e, agus dh’ionnlaid e, agus thàinig e a’ faicinn.
8Uime sin thubhairt na coimhearsnaich, agus iadsan a chunnaic dall e roimhe sin, Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh na dèirce?
9Thubhairt cuid, Is e seo e; cuid eile, Tha e cosmhail ris: thubhairt e fhèin, Is mi e.
10Air an adhbhar sin thubhairt iad ris, Cionnas a dh’fhosgladh do shùilean?
11Fhreagair esan agus thubhairt e, Rinn duine don ainm Iosa criadh, agus sgaoil e air mo shùilean i, agus thubhairt e rium, Imich gu lochan Shilòaim, agus ionnlaid: agus dh’imich mi agus dh’ionnlaid mi, agus fhuair mi mo fhradharc.
12An sin thubhairt iad ris, Càit a bheil e? Thubhairt esan, Chan aithne dhomh.
13Thug iad a‑chum nam Pharasach esan a bha roimhe dall.
14Agus b’i an t‑sàbaid a bha ann nuair a rinn Iosa a’ chriadh, agus a dh’fhosgail e shùilean.
15An sin a‑rìs dh’fheòraich na Pharasaich dheth mar an ceudna cionnas a fhuair e a fhradharc. Agus thubhairt esan riu, Chuir e criadh air mo shùilean, agus dh’ionnlaid mi, agus tha mi a’ faicinn.
16Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas-aonachd nam measg.
17Thubhairt iad a‑rìs ris an duine dhall, Ciod a tha thusa ag ràdh uime a‑thaobh gun d’fhosgail e do shùilean? Agus thubhairt esan, Is fàidh e.
18Ach cha do chreid na h‑Iùdhaich ma thimcheall, gu robh e dall, agus gun d’fhuair e a fhradharc, gus an do ghairm iad pàrantan an tì a fhuair a fhradharc.
19Agus dh’fheòraich iad dhiubh, ag ràdh, An e seo ur mac-se, a tha sibh ag ràdh a rugadh dall? Cionnas mas eadh a tha e a‑nis a’ faicinn?
20Fhreagair a phàrantan iad agus thubhairt iad, Tha fhios againn gur e seo ar mac, agus gun do rugadh dall e:
21Ach cionnas a tha e nis a’ faicinn, chan eil fhios againn; no cò a dh’fhosgail a shùilean, chan aithne dhuinn: tha e fhèin air teachd gu aois, feòraichibh dheth, labhraidh e air a shon fhèin.
22Thubhairt a phàrantan na briathran seo, a chionn gu robh eagal nan Iùdhach orra; oir shuidhich na h‑Iùdhaich cheana eatorra fhèin, nan aidicheadh duine sam bith gum b’esan Crìosd, gun rachadh a chur as an t‑sionagog.
23Air an adhbhar sin thubhairt a phàrantan, Tha e air teachd gu aois, feòraichibh dheth fhèin.
24Air an adhbhar sin ghairm iad an dara uair an duine a bha dall, agus thubhairt iad ris, Thoir glòir do Dhia: tha fhios againn gur peacach an duine seo.
25An sin fhreagair esan agus thubhairt e, Am peacach e chan aithne dhomh: air aon nì tha fhios agam, air dhomh a bhith dall, gu bheil mi a‑nis a’ faicinn.
26Ach thubhairt iad ris a‑rìs, Ciod a rinn e dhut? Cionnas a dh’fhosgail e do shùilean?
27Fhreagair e iad, Dh’innis mi dhuibh cheana, agus cha d’èisd sibh; carson a b’àill leibh a chluinntinn a‑rìs? A bheil a’ mhiann oirbhse a bhith nur deisciobail aige mar an ceudna?
28An sin chàin iad e, agus thubhairt iad, Is tusa a dheisciobal; ach is sinne deisciobail Mhaois.
29Tha fhios againn gun do labhair Dia ri Maois: ach mu thimcheall an fhir seo, chan eil fhios againn cia as dha.
30Fhreagair an duine agus thubhairt e riu, An seo tha nì iongantach, nach eil fhios agaibh cia as dha, agus gun d’fhosgail e mo shùilean;
31Ach tha fhios againn nach èisd Dia ri peacaich: ach ma tha neach air bith na fhear-adhraidh do Dhia, agus a’ dèanamh a thoile, ris-san èisdidh e.
32O thoiseach an t‑saoghail cha chualas gun d’fhosgail aon neach sùilean duine a rugadh dall.
33Mura biodh an duine seo o Dhia, cha b’urrainn e nì sam bith a dhèanamh.
34Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Rugadh thusa uile ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg-ne? Agus thilg iad a‑mach e.
35Chuala Iosa gun do thilg iad a‑mach e: agus air dha a fhaotainn, thubhairt e ris, A bheil thu a’ creidsinn ann am Mac Dhè?
36Fhreagair esan agus thubhairt e, Cò e, a Thighearna, a‑chum gun creid mi ann?
37Agus thubhairt Iosa ris, Chunnaic thu araon e, agus an tì a tha a’ labhairt riut, is esan e.
38Agus thubhairt esan, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna. Agus rinn e adhradh dha.
39Agus thubhairt Iosa, Is ann a‑chum breitheanais a thàinig mise a‑chum an t‑saoghail seo, a‑chum iadsan nach eil a’ faicinn, gum faiceadh iad; agus gum biodh iadsan a tha a’ faicinn, air an dèanamh dall.
40Agus chuala cuid de na Pharasaich, a bha maille ris, na nithean seo, agus thubhairt iad ris, A bheil sinne dall mar an ceudna?
41Thubhairt Iosa riu, Nam biodh sibh dall, cha bhiodh peacadh agaibh ach a‑nis tha sibh ag ràdh, Is lèir dhuinn; uime sin tha ur peacadh a’ fantainn.

اکنون انتخاب شده:

Eòin 9: ABG1992

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید