Eòin 15

15
1Is mise an fhìonain fhìor, agus is e m’Athair an treabhaiche.
2Gach uile gheug annamsa nach eil a’ giùlan toraidh, bheir e air falbh; agus gach uile gheug a tha a’ tabhairt toraidh, glanaidh e i, a‑chum gun giùlain i tuilleadh toraidh.
3A‑nis tha sibhse glan tre an fhacal a labhair mi ribh.
4Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn a’ gheug toradh a thoirt uaipe fhèin, mura fan i anns an fhìonain, cha mhò as urrainn sibhse, mura fan sibh annamsa.
5Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
6Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.
7Ma dh’fhanas sibh annamsa, agus ma dh’fhanas m’fhacail-sa annaibhse, iarraidh sibh gach nì as àill leibh, agus nìthear dhuibh e.
8An seo tha m’Athair-sa air a ghlòrachadh, gun toir sibhse mòr-thoradh uaibh; agus bidh sibh nur deisciobail dhòmhsa.
9Mar a ghràdhaich an t‑Athair mise, mar sin ghràdhaich mise sibhse: fanaibh ann am ghràdh-sa.
10Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.
11Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum fanadh mo ghàirdeachas annaibh, agus gum biodh ur gàirdeachas-se làn.
12Is i seo m’àithne-sa, gun gràdhaich sibhse a chèile, mar a ghràdhaich mise sibhse.
13Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.
14Is sibhse mo chàirdean-sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.
15A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra.
16Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.
17Tha mi ag àithneadh nan nithean seo dhuibh, a‑chum gun gràdhaich sibh a chèile.
18Ma tha an saoghal gur fuathachadh, tha fhios agaibh gun d’fhuathaich e mise romhaibh.
19Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.
20Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.
21Ach na nithean seo uile nì iad oirbh airson m’ainme-sa, do bhrìgh nach aithne dhaibh esan a chuir uaithe mi.
22Mura bithinn-sa air teachd, agus air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chan eil leisgeul am peacaidh aca.
23An tì aig a bheil fuath dhòmhsa, tha fuath aige dom Athair mar an ceudna.
24Mura bithinn-sa air dèanamh nan obraichean nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chunnaic iad, agus dh’fhuathaich iad araon mise agus m’Athair.
25Ach rinneadh seo a‑chum gun coileante am facal a tha sgrìobhte nan lagh fhèin, Dh’fhuathaich iad mi gun adhbhar.
26Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall-sa.
27Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.

انتخاب شده:

Eòin 15: ABG1992

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید