Logo de YouVersion
Ícono Búsqueda

Genesis 7

7
1Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo.
2De gach uile ainmhidh glan gabhaidh tu dhut nan seachdan, am fireann agus a bhoireann; agus de ainmhidhean nach eil glan, nan càraidean, am fireann agus a bhoireann:
3Mar an ceudna de eunlaith nan speur nan seachdan, fireann agus boireann, a ghleidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile:
4Oir fhathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi bhàrr aghaidh na talmhainn.
5Agus rinn Nòah a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna dha.
6Agus bha Nòah sia ceud bliadhna a dh’aois, nuair a bha an dìle uisgeachan air an talamh.
7Agus chaidh Nòah a‑steach, agus a mhic agus a bhean agus mnathan a mhac maille ris, don àirc, airson uisgeachan na dìle.
8De ainmhidhean glan, agus de ainmhidhean nach eil glan, agus de eunlaith, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh,
9Chaidh dithis agus dithis a‑steach a dh’ionnsaigh Nòah don àirc, fireann agus boireann, a rèir mar a dh’àithn Dia do Nòah.
10Agus an dèidh seachd làithean bha uisgeachan na dìle air an talamh.
11Anns an t‑siathamh ceud bliadhna a dh’aois Nòah, anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh-là‑deug den mhìos, anns an là sin fhèin bhriseadh suas uile thobraichean na doimhne mòire, agus bha tuil-dhorsan nan nèamh air am fosgladh.
12Agus bha an t‑uisge air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche.
13Anns a’ cheart là sin fhèin chaidh Nòah, agus Sem agus Ham agus Iàphet, mic Nòah, agus bean Nòah, agus triùir bhan a mhac maille riu, a‑steach don àirc;
14Iad fhèin, agus gach uile bheathach a rèir a ghnè, agus an sprèidh uile a rèir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh a rèir a ghnè, agus an eunlaith uile a rèir an gnè, gach eun de gach seòrsa.
15Agus chaidh iad a‑steach a‑chum Nòah don àirc, a lìon dithis agus dithis, de gach uile fheòil anns a bheil anail na beatha.
16Agus iadsan a chaidh a‑steach, fireann agus boireann, chaidh iad a‑steach de gach uile fheòil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna a‑staigh e.
17Agus bha an dìle dà‑fhichead là air an talamh; agus mheudaicheadh na h‑uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os cionn na talmhainn.
18Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan, agus mheudaicheadh iad gu h‑anabarrach air an talamh; agus shiubhail an àirc air aghaidh nan uisgeachan.
19Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan gu ro‑anabarrach air an talamh; agus chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile a bha fo na nèamhan gu lèir.
20Còig làmhan-coille deug air àirde bhuadhaich na h‑uisgeachan; agus chòmhdaicheadh na beanntan.
21Agus dh’eug gach uile fheòil a bha a’ gluasad air an talamh, araon de eunlaith, agus de sprèidh, agus de bheathaichean, agus de gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh, agus gach uile dhuine:
22Gach nì aig an robh anail na beatha ann an cuinneinean a shròine, de na h‑uile a bha air an talamh thioram, dh’eug iad.
23Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn: agus dh’fhàgadh a‑mhàin Nòah, agus na bha maille ris anns an àirc.
24Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan os cionn na talmhainn ceud agus lethcheud là.

Actualmente seleccionado:

Genesis 7: ABG1992

Destacar

Compartir

Copiar

None

¿Quieres guardar tus resaltados en todos tus dispositivos? Regístrate o Inicia sesión