YouVersion Logo
Search Icon

Taisbeanadh 2

2
1A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;
2Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;
3Agus gun do ghiùlain thu, agus gu bheil foighidinn agad, agus air sgàth m’ainme-sa gun do rinn thu saothair, agus nach tug thu thairis.
4Gidheadh, tha nì‑eigin agam ad aghaidh, do bhrìgh gun do thrèig thu do chiad ghràdh.
5Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.
6Ach tha seo agad, gur fuathach leat obraichean nan Nicolaiteach, nithean mar an ceudna as fuathach leamsa.
7An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.
8Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;
9Is aithne dhomh d’obraichean, agus d’àmhghar, agus do bhochdainn (gidheadh, tha thu beartach), agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach sionagog Shàtain.
10Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.
11An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e.
12Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann am Pergamos, sgrìobh: Na nithean seo tha Esan, aig a bheil an claidheamh geur dà fhaobhair, ag ràdh:
13Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme-sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.
14Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.
15Is amhail sin a tha agad mar an ceudna an dream a tha a’ cumail teagaisg nan Nicolaiteach, nì as fuathach leamsa.
16Dèan aithreachas, no thig mi ad ionnsaigh gu grad, agus cogaidh mi nan aghaidh le claidheamh mo bheòil.
17An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.
18Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Tiatìra, sgrìobh: Na nithean seo tha Mac Dhè, aig a bheil a shùilean mar lasair theine, agus a chasan mar umha fìorghlan, ag ràdh;
19Is aithne dhomh d’obraichean, agus do ghràdh, agus do sheirbhis, agus do chreideamh, agus d’fhoighidinn, agus d’obraichean deireannach, gu bheil iad nas mò na do chiad obraichean.
20Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban-fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.
21Agus thug mi dhi ùine gu aithreachas a ghabhail de a strìopachas; agus cha do ghabh i aithreachas.
22Feuch, tilgidh mi i ann an leabaidh, agus iadsan a tha a’ dèanamh adhaltranais rithe ann an àmhghar mòr, mura gabh iad aithreachas de a gnìomharan.
23Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.
24Ach ribhse tha mi ag ràdh, agus ris a’ chuid eile ann an Tiatìra, A mheud aig nach eil an teagasg seo, agus do nach b’aithne doimhneachdan Shàtain, mar a their iad, cha chuir mi uallach eile oirbh;
25Ach cumaibh gu daingeann an nì a tha agaibh, gus an tig mi.
26Agus an tì a bhuadhaicheas, agus a ghleidheas m’obraichean gus a’ chrìoch, dhàsan bheir mi cumhachd os cionn nan Cinneach:
27(Agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: mar shoithichean creadha brisear nam bloighdean iad): amhail a fhuair mise om Athair.
28Agus bheir mi dha reul na maidne.
29An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.

Currently Selected:

Taisbeanadh 2: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy