YouVersion Logo
Search Icon

Taisbeanadh 1

1
1Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin,
2A rinn fianais air facal Dhè, agus air teisteas Iosa Crìosd, agus air gach nì a chunnaic e.
3Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.
4Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;
5Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,
6Agus a rinn rìghrean dhinn agus sagartan do Dhia agus da Athair-san; dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.
7Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.
8Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.
9Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.
10Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,
11Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.
12Agus thionndaidh mi a dh’fhaicinn a ghutha a labhair rium. Agus air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir;
13Agus ann am meadhon nan seachd coinnleirean, neach cosmhail ri Mac an Duine, air an robh aodach a ràinig sìos gu a shàiltean, agus crioslaichte le crios òir ma chìochan.
14Bha a cheann agus a fhalt geal mar olainn ghil, mar shneachd; agus a shùilean mar lasair theine;
15Agus a chasan cosmhail ri umha fìorghlan, mar gum biodh iad a’ dearg-losgadh ann an àmhainn; agus a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan.
16Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart.
17Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.
18Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.
19Sgrìobh na nithean a chunnaic thu, agus na nithean a tha ann, agus na nithean a bhitheas an dèidh seo:
20Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.

Currently Selected:

Taisbeanadh 1: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy