Salm 148
148
1Molaibh-se an Tighearna. Molaibh an Tighearna o na nèamhan; molaibh e anns na h‑àrdan.
2Molaibh e, a ainglean uile; molaibh e, a shlòigh uile.
3Molaibh e, a ghrian agus a ghealach; molaibh e, uile reultan solais.
4Molaibh e, a nèamhan nan nèamh, agus uisgeachan a tha os cionn nan nèamh.
5Moladh iad ainm an Tighearna, oir dh’àithn e, agus chruthaicheadh iad.
6Agus dhaingnich e iad gu saoghal nan saoghal; rinn e àithne nach tèid thairis.
7Molaibh an Tighearna on talamh, a dhràgonan agus a dhoimhneachdan uile.
8Teine agus clach-shneachda; sneachd agus ceò; gaoth dhoineannach a’ coileanadh a fhacail;
9Na beanntan agus na cnuic uile; craobhan-meas agus na h‑uile sheudair;
10Fiadh-bheathaichean agus gach uile ainmhidh; nithean snàigeach agus eunlaith iteagach;
11Rìghrean na talmhainn agus na h‑uile shlòigh; uachdarain agus uile bhritheamhan na talmhainn;
12Araon òigfhir agus òighean; seann daoine agus clann;
13Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm-san a‑mhàin urramach, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh.
14Agus dh’àrdaich e adharc a shluaigh, moladh a naomh uile, eadhon clann Israeil, sluagh a tha am fagas dha. Molaibh-se an Tighearna.
Currently Selected:
Salm 148: ABG1992
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapi.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen-GB.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017