Salm 147
147
1Molaibh-se an Tighearna, oir is math an nì a bhith a’ tabhairt cliù dar Dia, oir tha e taitneach, agus tha moladh ciatach.
2Togaidh an Tighearna suas Ierusalem; cruinnichidh e ri chèile dìobaraich Israeil.
3Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan.
4Innsidh e àireamh nan rionnag; bheir e ainmean orra uile.
5Is mòr an Tighearna, agus is mòr a chumhachd; tha a thuigse gun tomhas.
6Togaidh an Tighearna suas na daoine ciùine; tilgidh e sìos na h‑aingidh gu làr.
7Seinnibh don Tighearna le buidheachas; seinnibh moladh dar Dia-ne air a’ chlàrsaich;
8A dh’fhalaicheas nèamh le neòil, a dh’ullaicheas uisge don talamh, a bheir air feur fàs suas air na slèibhtean.
9Bheir esan a bhiadh don ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas.
10Ann an neart an eich cha bhi a dhùil; ann an casan fir cha ghabh e tlachd.
11Gabhaidh an Tighearna tlachd anntasan don eagal e, a chuireas an dòigh na thròcair.
12Mol an Tighearna, a Ierusaleim; mol do Dhia, a Shion;
13Oir neartaich e cruinn do gheatachan; bheannaich e do chlann an taobh a‑staigh dhìot.
14Nì e sìth ad chrìochan; sàsaichidh e thu le smior a’ chruithneachd.
15Cuiridh e a‑mach a àithne air thalamh; gu luath ruithidh a fhacal.
16Bheir e sneachd mar olainn; sgaoilidh e an liath-reodhadh mar luaithre.
17Tilgidh e a‑mach a eigh mar ghreamannan; cò a dh’fhaodas seasamh fa chomhair a fhuachd?
18Cuiridh e a‑mach a fhacal, agus leaghaidh e iad; sèididh a’ ghaoth, sruthaidh na h‑uisgeachan.
19Foillsichidh e a fhacal do Iàcob, a reachdan agus a bhreitheanais do Israel.
20Cha do bhuin e mar seo ri cinneach sam bith; cha mhò a b’aithne dhaibh a bhreitheanais. Molaibh-se an Tighearna.
Currently Selected:
Salm 147: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017