YouVersion Logo
Search Icon

Iùdas 1

1
1Iùdas, seirbhiseach Iosa Crìosd, agus bràthair Sheumais, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh le Dia an t‑Athair, agus air an coimhead le Iosa Crìosd, air an gairm:
2Gu robh tròcair, agus sìth, agus gràdh, air am meudachadh dhuibh.
3A mhuinntir ionmhainn, air dhomh an uile dhìcheall a dhèanamh a‑chum sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh mu thimcheall na slàinte coitchinn, b’fheumail dhomh sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur n‑earalachadh sibh a chathachadh gu dìcheallach airson a’ chreidimh a thugadh aon uair do na naoimh.
4Oir ghoid daoine àraidh a‑steach, a dh’òrdaicheadh roimhe o shean a‑chum an dìtidh seo, daoine mì‑dhiadhaidh, a’ tionndadh gràs ar Dè‑ne gu macnas, agus ag àicheadh Dhè, as aon Uachdaran ann, agus ar Tighearna Iosa Crìosd.
5Uime sin is àill leam ur cur an cuimhne, ged bha fhios agaibh aon uair air seo, cionnas an dèidh don Tighearna am poball a shaoradh à tìr na h‑Eiphit, a sgrios e an dèidh sin an dream nach do chreid.
6Agus na h‑aingil nach do ghlèidh an ciad inbhe, ach a dh’fhàg an àite-còmhnaidh fhèin, choimhead e ann an gèimhlean sìorraidh fo dhorchadas, fa chomhair breitheanas an là mhòir.
7Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball-sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh.
8Mar an ceudna fòs tha an luchd-bruadair sin a’ salachadh na feòla, a’ dèanamh tàir air uachdaranachd, agus a’ labhairt gu toibheumach air àrd-inbhean.
9Gidheadh, cha do ghabh Mìchael an t‑àrd-aingeal, nuair a chathaich e an aghaidh an diabhail, agus a rinn e deasbaireachd mu chorp Mhaois, dànadas air casaid thoibheumach a thoirt na aghaidh, ach thubhairt e, Gun cronaicheadh an Tighearna thu.
10Ach tha an dream sin a’ labhairt gu toibheumach air na nithean nach aithne dhaibh: ach na nithean sin as aithne dhaibh air mhodh nàdarra, mar ainmhidhean gun reusan, tha iad gan truailleadh fhèin annta.
11Is an‑aoibhinn dhaibh! Oir dh’imich iad ann an slighe Chàin, agus ruith iad gu togarrach ann an seachran Bhalàaim air ghaol tuarasdail, agus sgriosadh iad ann an ana-cainnt cheannaircich Chore.
12Is smalan iad sin nur cuirmean gràidh, nuair a tha iad air cuirmean maille ribh, gam beathachadh fhèin gun eagal: is neòil iad gun uisge, air an giùlan mun cuairt le gaothan; craobhan searg-mheasach, gun toradh; dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhan;
13Garbh-thonnan na fairge, a sgeitheas an nàire fhèin mar chobhar; reultan seachranach, dom bheil duibhre an dorchadais gu sìorraidh air a thasgadh.
14Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadaireachd umpa seo, ag ràdh, Feuch, tha an Tighearna a’ teachd le deich mìle de a naoimh,
15A dhèanamh breitheanais air na h‑uile, agus a‑chum iadsan uile a tha mì‑dhiadhaidh nam measg fhàgail ris, a‑thaobh an uile ghnìomharan mì‑dhiadhaidh a rinn iad gu mì‑dhiadhaidh, agus a‑thaobh an uile bhriathar cruaidhe, a labhair peacaich mhì-dhiadhaidh na aghaidh.
16Is luchd-cànrain agus gearain an dream seo, a tha ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin; agus tha am beul a’ labhairt bhriathar atmhor, agus iad a’ gabhail iongantais de phearsachan dhaoine air sgàth buannachd.
17Ach cuimhnichibh-se, a mhuinntir mo ghràidh, na facail a labhradh roimhe le abstoil ar Tighearna Iosa Crìosd;
18Mar a thubhairt iad ribh, gum biodh anns an aimsir dheireannaich luchd-fanaid, a ghluaiseadh a rèir an ana-miannan mì‑dhiadhaidh fhèin.
19Is iad sin an dream a sgaras iad fhèin o chàch, collaidh, gun an Spiorad aca.
20Ach air a bhith dhuibhse, a mhuinntir ionmhainn, gur togail fhèin suas nur creideamh ro‑naomh, a’ dèanamh ùrnaigh anns an Spiorad Naomh,
21Coimheadaibh sibh fhèin ann an gràdh Dhè, le sùil ri tròcair ar Tighearna Iosa Crìosd a‑chum na beatha maireannaich.
22Agus gabhaibh truas de dhream àraidh, a’ dèanamh eadar-dhealachaidh;
23Agus tèarnaibh dream eile le eagal, gan spìonadh as an teine; a’ fuathachadh eadhon an aodaich air a bheil smal na feòla.
24A‑nis dhàsan a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, agus ur cur gu neo-lochdach an làthair a ghlòire le aoibhneas ro‑mhòr,
25Don Dia a tha a‑mhàin glic, ar Slànaighear, gu robh glòir agus mòralachd, neart agus cumhachd, a‑nis agus air feadh nan uile linn. Amen.

Currently Selected:

Iùdas 1: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in