Lùcas 22
22
1 Ghabh na h‑Iùdhaich comhairle an aghaidh Iosa. 3 Dh’aom Sàtan Iùdas gu esan a bhrath. 7 Dh’ullaich na h‑abstoil a’ chàisg. 19 Dh’òrdaich Crìosd an t‑suipeir naomh. 31 Dh’innis e do Pheadar nach dìobradh a chreidimh e; 34 ach gun àicheadh e esan trì uairean.
1A‑nis dhruid riu fèill an arain neo‐ghortaichte#Mat 26:2; Marc 14:1, etc., den goirear a’ chàisg.
2Agus bha na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs#Salm 2:2; Gnìo 4:27; oir bha eagal an t‑sluaigh orra.
3An sin chaidh Sàtan ann an Iùdas don co‑ainm Iscariot#Mat 26:14; Marc 14:10, etc.; Eòin 13:2, 27, a bha de àireamh an dà‑fhir‐dheug.
4Agus dh’imich e, agus labhair e ris na h‑àrd‐shagartan agus ri ceannardan an teampaill, cionnas a bhrathadh e esan dhaibh.
5Agus bha iad subhach, agus rinn iad coicheangal airgead a thoirt dha#Sech 11:12.
6Agus gheall esan, agus dh’iarr e àm iomchaidh air a bhrath dhaibh gun an sluagh a bhith an làthair.
7An sin thàinig là an arain neo‐ghortaichte#Ecs 12, anns am b’èiginn an t‑uan‐càisge a mharbhadh.
8Agus chuir e uaithe Peadar agus Eòin, ag ràdh, Imichibh, agus ullaichibh dhuinn a’ chàisg, a‑chum gun ith sinn i.
9Agus thubhairt iadsan ris, Càit an àill leat sinn a dh’ullachadh?
10Agus thubhairt e riu, Feuch, air dhuibh dol a‑steach don bhaile, tachraidh oirbh duine, a’ giùlan soitheach uisge; leanaibh e don taigh anns an tèid e a‑steach.
11Agus abraibh ri fear‐an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoigheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?
12Agus feuchaidh e dhuibh àrd‐sheòmar farsaing, uidheamaichte: ullaichibh an sin.
13Agus dh’imich iad agus fhuair iad mar a thubhairt e riu: agus dh’ullaich iad a’ chàisg.
14Agus an tràth a thàinig an uair#Mat 26:20; Marc 14:17, shuidh e sìos, agus an dà‑abstol‐dheug maille ris.
15Agus thubhairt e riu, Le mòr‐thogradh mhiannaich mi a’ chàisg seo ithe maille ribh ro dhomh fulang:
16Oir tha mi ag ràdh ribh, nach ith mi dhith tuilleadh gus an coileanar i ann an rìoghachd Dhè#Lùc 14:15; Mat 26:29; 1 Cor 5:7, 8; Tais 19:9.
17Agus ghlac e cupan, agus air dha buidheachas a thabhairt, thubhairt e, Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh fhèin e:
18Oir tha mi ag ràdh ribh, nach òl mi de thoradh na fìonain gus an tig rìoghachd Dhè.
19Agus ghlac e aran#1 Cor 11:24, etc., agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp‐sa a tha air a thoirt air ur son‐se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.
20Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil‐sa, a dhòirteadh air ur son‐se.
21Ach feuch, làmh an tì a bhrathas mise maille rium air a’ bhòrd#Salm 41:9; Eòin 13:26.
22Agus gu fìrinneach tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar a dh’òrdaicheadh#Gnìo 2:23; 4:28: ach is an‑aoibhinn don duine sin leis am brathar e.
23Agus thòisich iadsan air fiosrachadh eatorra fhèin, cò aca a bha gus an nì seo a dhèanamh.
24Agus bha mar an ceudna còmhstri eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh#Lùc 9:46; Marc 9:34.
25Ach thubhairt esan riu, Tha aig rìghrean nan Cinneach tighearnas orra#Mat 20:25; Marc 10:42; agus goirear daoine fialaidh dhiubhsan, aig a bheil ùghdarras orra.
26Ach na bithibh‐se mar sin#1 Pead 5:3; 3 Eòin 1:9‐10: ach an neach as mò nur measg, biodh e mar an neach as òige; agus an tì as àirde, mar esan a tha ri frithealadh.
27Oir cò aca as mò, an tì a shuidheas air bòrd, no esan a fhrithealas? Nach e an tì a shuidheas; ach tha mise nur measg‐se mar fhear‐frithealaidh#Eòin 13:13, 14; Philip 2:7.
28Is sibhse iadsan a dh’fhan maille riumsa ann am#22:28 bhuairidhean. dheuchainnean#Eòin 13:4, 5;
29Agus tha mise ag òrdachadh dhuibh rìoghachd#Mat 25:34; Philip 2:9‐11, mar a dh’òrdaich m’Athair dhòmhsa;
30A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd‐sa ann am rìoghachd#Tais 19:9, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh‐dheug Israeil#Mat 19:28; 1 Cor 6:2.
31Agus thubhairt an Tighearna, A Shìmoin, a Shìmoin, feuch, dh’iarr Sàtan sibhse#1 Pead 5:8; Amos 9:9, a‑chum ur criaradh mar chruithneachd.
32Ach ghuidh mise air do shon‐sa#Eòin 17:9, 15; Eabh 7:25; 1 Eòin 2:1, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean#Salm 51:13; Eòin 21:15‐17.
33Agus thubhairt esan ris, A Thighearna, tha mise ullamh gu dol maille riut araon a‑chum prìosain, agus a‑chum bàis.
34Agus thubhairt esan, Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì uairean gur aithne dhut mi.
35Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan#Lùc 9:3 agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.
36An sin thubhairt e riu, Ach a‑nis ge bè aig a bheil sporan, togadh e e, agus mar an ceudna a mhàla: agus an tì aig nach eil claidheamh, reiceadh e a fhallaing, agus ceannaicheadh e aon.
37Oir tha mi ag ràdh ribh, gur èiginn fhathast an nì seo a tha sgrìobhte a choileanadh annamsa. Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach#Isa 53:12: oir tha crìoch aig na nithean ud a tha mum thimcheall‐sa.
38Agus thubhairt iadsan, A Thighearna, feuch, tha dà chlaidheamh an seo. Agus thubhairt esan riu, Is leòr e.
39Agus air dha dol a‑mach, chaidh e, mar a bu ghnàth leis, gu Sliabh nan Crann‐ola#Mat 26:36; Marc 14:32, etc.; Eòin 18:1, etc.; agus lean a dheisciobail e.
40Agus nuair a thàinig e don àite, thubhairt e riu, Dèanaibh ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh.
41Agus thàirngeadh esan uapa mu thimcheall urchar cloiche, agus leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh,
42Ag ràdh, Athair, mas toil leat, cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh chan e mo thoil‐sa#Eòin 5:30; 6:38, ach do thoil‐sa gu robh dèante.
43Agus dh’fhoillsicheadh dha aingeal o nèamh#Mat 4:11, ga neartachadh.
44Agus air dha a bhith ann an cruaidh‐ghleac anama#Eòin 12:27; Eabh 5:7, rinn e ùrnaigh na bu dùrachdaiche: agus bha a fhallas mar bhraonan mòra fala a’ tuiteam sìos air an talamh.
45Agus air dha èirigh o ùrnaigh, thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus fhuair e nan cadal iad tro thùirse,
46Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur cadal? Eiribh, agus dèanaibh ùrnaigh#Lùc 22:40, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh.
47Agus nuair a bha e fhathast a’ labhairt, feuch, sluagh#Mat 26:47, etc.; Marc 14:43, etc.; Eòin 18:3, etc., agus dh’imich esan dom b’ainm Iùdas, aon den dà‑fhear‐dheug, romhpa, agus dhruid e ri Iosa, a‑chum a phògadh.
48Ach thubhairt Iosa ris, A Iùdais, a bheil thu le pòig a’ brath Mac an Duine?
49Agus nuair a chunnaic iadsan a bha ma thimcheall‐san an nì a bha gu tachairt, thubhairt iad ris, A Thighearna, am buail sinn leis a’ chlaidheamh?
50Agus bhuail aon dhiubh seirbhiseach an àrd‐shagairt, agus gheàrr e dheth a chluas dheas.
51Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Fuilingibh gu seo. Agus bhean e ra chluais, agus shlànaich e i.
52An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd‐shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir‐reubainn?
53Nuair a bha mi gach là maille ribh anns an teampall, cha do shìn sibh a‑mach ur làmhan am aghaidh: ach is seo ur n‑uair‐se#Iob 20:5; Eòin 12:27, agus cumhachd an dorchadais.
54An sin rug iad air, agus thug iad leo e do thaigh an àrd‐shagairt. Agus lean Peadar am fad uaithe e.
55Agus air dhaibh teine fhadadh ann am meadhon an talla, agus suidhe sìos maille ri chèile, shuidh Peadar nam meadhon.
56Ach chunnaic cailinn àraidh e na shuidhe aig an teine#Mat 26:69‐75; Marc 14:66, 72; Eòin 18:17‐27, agus air dhi amharc gu geur air, thubhairt i, Bha am fear seo mar an ceudna maille ris.
57Agus dh’àich esan e, ag ràdh, A bhean, chan aithne dhomh e.
58Agus beagan na dhèidh sin chunnaic neach eile e, agus thubhairt e, Is ann dhiubh thusa mar an ceudna. Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan ann.
59Agus mu thimcheall ùine aon uaire na dhèidh sin, chòmhdaich neach eile air, ag ràdh, Gu fìrinneach bha am fear seo mar an ceudna maille ris; oir is Galilèach e.
60Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan aithne dhomh ciod a tha thu ag ràdh. Agus air ball, am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, ghoir an coileach.
61Agus air tionndadh don Tighearna, dh’amhairc e air Peadar: agus chuimhnich Peadar facal an Tighearna, mar a thubhairt e ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean.
62Agus chaidh Peadar a‑mach, agus ghuil e gu goirt#Ier 31:18; 1 Cor 10:12; 2 Cor 7:10, 11.
63Agus rinn na daoine a chùm Iosa fanaid air, ga bhualadh.
64Agus nuair a dh’fhalaich iad a shùilean, bhuail iad e anns an aghaidh, agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd cò e a bhuail thu.
65Agus labhair iad mòran de nithean eile gu toibheumach na aghaidh.
66Agus nuair a bha an là air teachd#Mat 27:1; Gnìo 4:26‐28, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle.
67Ag ràdh, An tusa Crìosd#Mat 26:63, etc.; Marc 14:61, etc.? Innis dhuinn. Agus thubhairt e riu, Ma dh’innseas mi dhuibh, cha chreid sibh:
68Agus ma dh’fheòraicheas mi nì air bith, cha toir sibh freagradh dhomh, agus cha leig sibh as mi.
69On àm seo bidh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè#Eabh 1:3; 12:2; Tais 3:21.
70An sin thubhairt iad uile, An tusa mas eadh Mac Dhè? Agus thubhairt e riu, Tha sibhse ag ràdh gur mi.
71Agus thubhairt iad, Ciod tuilleadh am feum a tha againn air fianais? Oir chuala sinn fhèin i as a bheul fhèin.
Zur Zeit ausgewählt:
Lùcas 22: ABIG
Markierung
Teilen
Kopieren
Möchtest du deine gespeicherten Markierungen auf allen deinen Geräten sehen? Erstelle ein kostenloses Konto oder melde dich an.
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017