1
Lùcas 22:42
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Ag ràdh, Athair, mas toil leat, cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh chan e mo thoil‐sa, ach do thoil‐sa gu robh dèante.
Vergleichen
Studiere Lùcas 22:42
2
Lùcas 22:32
Ach ghuidh mise air do shon‐sa, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean.
Studiere Lùcas 22:32
3
Lùcas 22:19
Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp‐sa a tha air a thoirt air ur son‐se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.
Studiere Lùcas 22:19
4
Lùcas 22:20
Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil‐sa, a dhòirteadh air ur son‐se.
Studiere Lùcas 22:20
5
Lùcas 22:44
Agus air dha a bhith ann an cruaidh‐ghleac anama, rinn e ùrnaigh na bu dùrachdaiche: agus bha a fhallas mar bhraonan mòra fala a’ tuiteam sìos air an talamh.
Studiere Lùcas 22:44
6
Lùcas 22:26
Ach na bithibh‐se mar sin: ach an neach as mò nur measg, biodh e mar an neach as òige; agus an tì as àirde, mar esan a tha ri frithealadh.
Studiere Lùcas 22:26
7
Lùcas 22:34
Agus thubhairt esan, Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì uairean gur aithne dhut mi.
Studiere Lùcas 22:34
Home
Bibel
Lesepläne
Videos