1
Lùcas 23:34
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.
Vergleichen
Studiere Lùcas 23:34
2
Lùcas 23:43
Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras.
Studiere Lùcas 23:43
3
Lùcas 23:42
Agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, cuimhnich ormsa nuair a thig thu dod rìoghachd.
Studiere Lùcas 23:42
4
Lùcas 23:46
Agus nuair a ghlaodh Iosa le guth mòr, thubhairt e, Athair, tha mi a’ tiomnadh mo spioraid ad làmhan‐sa: agus nuair a thubhairt e seo, thug e suas an deò.
Studiere Lùcas 23:46
5
Lùcas 23:33
Agus nuair a thàinig iad don àite den goirear Calbhari, an sin cheus iad e fhèin, agus na droch dhaoine, fear dhiubh air a làimh dheis, agus am fear eile air a làimh chlì.
Studiere Lùcas 23:33
6
Lùcas 23:44-45
Agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoidheamh uair. Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat‐roinn an teampaill na mheadhon.
Studiere Lùcas 23:44-45
7
Lùcas 23:47
A‑nis nuair a chunnaic an ceannard‐ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo.
Studiere Lùcas 23:47
Home
Bibel
Lesepläne
Videos