Laoidhean 7
7
LAOIDH 7
Iob 9.2-10
1Am bi siol Adhaimh saor o chiont',
no glan am fianuis Dé?
Ma thagras e réir ceartais ruinn,
fa' smachd théid sinn do'n eug.
2Gu geur‑chuiseach ma thoimhseas e
gach smuain, is guth, is gnìomh;
Leithsgeul, air son mo mhìle ciont'
a dhealbh cha‑n urrain mi.
3Is glic a chridh' 's is treun a làmh,
's nach aingidh dàn an sluagh
A thogas ceann an aghaidh Dhia;
cò riamh thug air‑san buaidh?
4Roimh 'fheirg, na sléibhte criothnaichidh,
is clisgidh iad o'm bonn;
O 'bhunchar luaisgidh null 's a nall,
le garbh‑chrith, 'n talamh trom.
5Ma thoirmisgeas e éirigh gréin',
cha'n éirich grian gu bràth:
Dubh‑neulach ni e 'n speur air fad,
's gach reul théid as 'na smàl.
6Coisichidh Dia san fhairge ghairbh,
carbad do ghaothaibh ni;
A shlighe àrd cò lorgaicheas
a cheuma dorch' cò chi?
S'ha seleccionat:
Laoidhean 7: LSN1987
Subratllat
Comparteix
Copia
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017