Laoidhean 27
27
LAOIDH 27
Isaiah 57.15,16
1Eisdibh! gach neach air thalamh ta,
guth Dhé ro‑àird is naoimh;
'S iad so a bhriathra tròcaireach,
fàth dòchais chloinn nan daoin',
2An àirde nèimh mo chaithir righ
o shiorrui'chd shocruich mis':
'S leam cliu nan aingeal feadh gach linn,
's gach buaidh ta iomlan leis.
3Gidheadh o m' ionad còmhnuidh shuas,
seallaidh mi nuas a ghnàth.
Air luchd a' chridhe bhriste bhrùit',
's 'nam bùthan ni mi tàmh:
4A cheangal suas an spioraid bhrùit'
's g'a thoirt o'n ùir a nìos;
'S a bheòthachadh nan an'ma truagh'
tha dol do'n uaigh a sìos.
5Na h‑an'ma sin a dhealbh mi féin,
gheibh tèaruinteachd fo m' ghràs;
Tagradh cha dean mi riu do shior,
mun tuit iad sìos a'm' làth'r.
Currently Selected:
Laoidhean 27: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017