Laoidhean 26
26
LAOIDH 26
Isaiah 55
1O dhaoine tartmhor! thigibh chum
sruth pailt nan uisge beò;
An nasgaidh gheibh am bochd a dhìol,
gun airgiod is gun òr.
2C'ar son a struidheas sibh 'ur maoin
air nithibh faoin' nach biadh;
'S a chailleas sibh 'ur saoth'r gach là,
mu ni nach sàsuich miann?
3Gu deònach cronaibh riums' 'ur cluas,
ma 's àill leibh suaimhneas fior;
Le m' theagasg bidh 'ur n‑an' ma beò,
is gheibh sibh sòlas sìor.
4Eisdibh, is mairibh beò gu bràth!
mo chùmhnant gràsmhor 's leibh:
An tròcair a rinn Daibhidh ait,
gun airc bheir mise dhuibh.
5Mar fhianuis ròghnaich 's thog mi e,
mar cheannard treun do m'shluagh;
Gach fine gairmidh e o chéin,
's Uieir iad fo 'bhrataich buaidh.
6Feuch criocha dan nach b'aithne dhuit,
is do nach b'aithne thu,
Ard‑fhàidh! a d'ionnsuidh cruinnichidh,
's do m' ainm‑sa bheir iad cliu.
7Grad‑iarraibh Dia am feadh tha 'chluas
'g a cromadh nuas r' ur glaodh;
'S 'nuair tha e tairgseadh dhuibh a ghràis,
gabhaibh ri 'shlàinte shaor.
8Tréigeadh an t‑aingidh 'shlighe chlaon,
's an droch dhuin' smuain a chridh',
Is pilleadh iad ri Dia gun dàil,
is gheibh iad slàint' is sìth.
9Oir Dia tha saoibhir ann an iochd,
is laghaidh e gach beud;
Cha'n ionnan nàdur dha 's do dhaoin',
a thròcair chaomh cha tréig.
10Oir mar is àrd an speur, deir Dia
os ceann na talmhainn faoin
'S co‑àrd tha m'iùil 's mo smuainte‑sa
thar iùl is smuainte dhaoin'.
11Nuas silidh frasa sneachd is uisg',
's dia phill a rìs an àird,
An talamh gus an taisich iad
a ghiùlan lòin 's gach àit.
12Mar so aon ghuth a labhras mis'
cha tig air ais gun bhuil;
Mo ghairm gheibh éisdeachd o gach dùil,
is bidh iad ùmh'l do m' thoil.
13N' sin stiùrar dùthchan iompaichte,
le h‑aoibhneas is le fois:
Na sléibhte seinnidh air gach taobh:
buailidh gach craobh a bos.
14An àite droighinn agus dris
bidh ùr‑chroinn uaine fàs;
Mar so sìor‑mhairibh; 's bheir gach dùil,
àrd‑chliu do Dhia nan gràs.
Currently Selected:
Laoidhean 26: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017