YouVersion Logo
Search Icon

Soisgeul Lucais 15

15
LAOIDH 40
Lùc. 15.13-25
1Le misg is mì‑bheus nuair a chaith
an strùidhear truagh a mhaoin,
'S e 'g iarraidh lòin am measg nam muc,
de phlaosgan falamh faoin.
2Ged bhàsaichinn thuirt e, le gort,
am fearann coigreach cèin,
An teaghlach m' athar gheibh gach tràill
na 's àill le chridhe fhèin.
3Nis tillidh, 's tuitidh mise sìos
an làthair m' Athar chaoimh;
Och! pheacaich is chan airidh mi,
air d' iochd‑sa no iochd nèimh.
4Ag ràdh seo, gu taigh Athar thill,
le inntinn thùrsach throm;
Tràth chunnaic athair e fad às,
las tlus#15.4 tlus co‑fhaireachdainn is iochd na chom.
5Ghrad‑ruith na chòmhdhail, 's thug e pòg,
le furan mòr dha mhac;
Is b' aithreach leis an strùidhear thruagh
gun tug e fuath da smachd.
6Och! pheacaich, is chan airidh mi,
air d' iochd‑sa no iochd nèimh;
Dèan mi am sheirbhiseach a‑mhàin.
O Athair chàirdeil chaoimh!
7Thugaibh a‑mach, ars Athair ait,
a' chulaidh thaghta dha;
'S gach iochd is urram dìolamaid
don iompachan gun dàil:
8Oir bha e marbh, is tha e beò;
caillte, 's fa‑dheòidh air sgeul;
Biodh gàirdeachas oirnn uime sin,
's biodh seo na latha fèill.
9Mar sin bidh gàirdeachas air nèamh
tràth theàrnar peacach baoth;
Le tilleadh dha le h‑aithreachas
gu Athair iochdmhor caomh.

Currently Selected:

Soisgeul Lucais 15: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in