Soisgeul Eòin 3
3
LAOIDH 41
Eòin 3.14-19
1Nuair thogadh suas an nathair phràis
le Maois, san fhàsach chruaidh,
Dhearc oirre 'n dream bha dlùth don bhàs,
is shlànaicheadh an sluagh;
2Mar seo tha Crìosd air àrdachadh,
gu slàinte thabhairt dhuinn;
Seallaidh na slòigh chaidh 'n lot an‑àird,
is slànaichear gach tinn.
3Cia ana‑mhòr#3.3 ana‑mhòr air leth mòr tròcair Dhia nan gràs:
cia pailt a ghràdh is iochd,
A thug a mhac mar ìobairt suas,
a dh'fhulang truaigh nar riochd!
4Chan ann a dhìteadh clann nan daoin
a thàinig Crìosd o nèamh;
Geur‑lann#3.4 Geur‑lann claidheamh gu sgrios cha robh na làimh
no bagradh bàis na bheul.
5Le creideimh slàinteil gèillibh‑sa,
a luchd mì‑bheus, dha reachd;
Is bheir e tèaraint sibh an sìth,
ga rìoghachd tha ri teachd.
6Ach leanaidh dìoghaltas gu luath
an sluagh nach gèill na thràth,
An dream nì dìmeas air mac Dhè,
's nach èisd ri tairgs a ghràis.
Currently Selected:
Soisgeul Eòin 3: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017