Hosea 6
6
LAOIDH 30
Hosea 6.1-4
1Thigibh, is rachamaid gu Dia,
le cridhe tiamhaidh#6.1 tiamhaidh cianal, muladach bròin:
Ged pheacaich sinn, nì esan iochd
air anman briste leòint.
2Air iarrtas dùisgidh 'n doineann gharbh,
is fàsaidh balbh a‑rithist;
Is ged tha ghàirdean treun gu sgrios,
tha e cho treun gar dìon.
3B' fhada 's bu chian ar n‑oidhche bhròin,
bheir teachd an latha dhuinn gean#6.3 gean gàire;
Oir thig ar Dia is fògraidh e
gach dòlas ruinn a lean.
4'N sin gheibh sinn eòlas air a ghràdh
ma thig sinn dhàsan dlùth;
Bidh ghnùis mar ghrèin na maidne glain#6.4 glain loinnreach, brèagha (tha seo a' riochachadh 'ghrèin' (fir.), chan e 'maidne' (boir.), agus mar sin chan eil e a' sèimheachadh).,
's a ghuth mar inneal‑ciùil.
5Mar dhrùchd air bhàrr nan luibhean maoth,
's iad air gach taobh fo bhlàth;
No mar na frasan thig a‑nuas
air fearann cruaidh is fàs;
6Mar sin nì deàlradh gnùis ar Dè
ar n‑anman aoibhinn ait:
Fògraidh e duibhre 's doilgheas uainn,
is nì sinn uaill gun airc.
Currently Selected:
Hosea 6: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017