1 Corintianach 15
15
LAOIDH 50
1 Cor. 15.52-58
1Le fuaim na trombaid deireannaich
criothnaichidh 'm fonn#15.1 fonn talamh gu garbh:
Fosglaidh gach uaigh is brùchdaidh nìos
chum sìorrai'chd cuirp nam marbh.
2Feuch, èiridh cuirp nan saoi#15.2 saoi fìreanta an sin
le misnich is mòr sgèimh,
Iad bàsmhor thuit, ach èiridh chum
neo‑bhàsmhorachd air nèamh.
3Feuch fàistneachd fhìor nam Fàidhean naomh
coileanta nis gu beachd;
Gun gèilleadh bàs do bheatha shìor,
's gun crìochnachadh an gleachd.
4Suas togadh creideamh luathghair ait,
is canadh e mar laoidh,
Càit nis a bheil do ghath, a Bhàis?
càit, Uaigh, a bheil do bhuaidh?
5B' i chogais chiontach gath a' bhàis,
teann‑shàitht an cridh an daoi;
'S b' e 'n Lagh a thug do chiont a neart
gu luchd a' pheacaidh chlaoidh.
6Ach beannaicht gu robh Dia gu bràth!
a chuir ar nàmh fo chois,
'S a thug dhuinn trìd ar Ceannaird Crìosd
buaidh shìorraidh agus fois.
7Air 'n adhbhar sin, le dùrachd cridh,
dar Rìgh bheir sinne gèill;
Làn‑dearbhta gu faigh sinn fa‑dheòidh,
crùn glòir an rìoghachd nèimh.
Currently Selected:
1 Corintianach 15: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017