YouVersion Logo
Search Icon

Titus 3

3
III. CAIB.
Comhairlean us riaghailtean eile mu dheagh chaithe-beatha, ʼs mu theagasg.
1Comhairlich dhaibh a bhith umhailt do dhʼ uachdrain ʼs do chumhachdan, iad a fhreagairt gu h-ealamh, iad a bhith deas gus a h-uile deagh obair,
2Gun olc a labhairt air duine air bith, gun a bhith conasach, ach caomh, a fiachuinn a h-uile caoimhneis ri daoine uile.
3Oir bha sinn fhein air uair mi-thoinisgeach, mi-chreideach, seachranach, ʼnar traillean do iomadh miann agus ailleas, a tighinn beo an goimh ʼs am farmad, airidh air fuath, ʼsa toirt fuatha dha cheile.
4Ach nuair a nochdadh mathas us caoimhneas De ar Slanair;
5Cha n-ann as leth oibrichean ceartais, a rinn sinne, ach a reir a throcaire fhein shabhail e sinn, le glanadh na h-ath-bhreith, agus le ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh,
6A thaom e oirnn gu pailt, tromh Iosa Criosta ar Slanair;
7Los gum bi sinn, us sinn air ar naomhachadh le ghrasan-sa, ʼnar n-oighreachan a reir dochas na beatha siorruidh.
8Is facal firinneach so; agus is math leam thu na nichean so a chomhdach, gus iadsan, a tha creidsinn ann an Dia, a bhith adhartach gu bhith barraichte ann an deagh oibrichean. Tha na nichean so math, agus tarbhach do dhaoine.
9Ach seachuinn ceisdean aimideach, us sloinntearachd, us consachadh, us stri mu ʼn lagh: oir is nichean gun tairbhe agus faoin iad.
10Seachuinn fear, a tha ʼna eiriceach, an deigh a chiad ʼs an ath chronachaidh:
11A tuigsinn gum beil a leithid so de dhuine air aimhreidh, ʼsa peacachadh, bhon a tha e air a dhiteadh le bhreth fhein.#3.11 III. 11. Le bhreth fhein. Tha ciontaich eile air am breithneachadh ʼs air an tilgeadh a mach le binn ʼnam pearsachan-eaglaise; ach tha na h-eiricich, nas truaighe na sin, ga treigsinn le ʼn saor-thoil fhein, agus le sin a toirt binn ʼs breitheanais an aghaidh an anmannan fhein.
12Nuair a chuireas mi h-ugad Artemus, no Tichicus, dian cabhag gu tighinn gam ionnsuidh do Nicopolis: oir chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh an sin.
13Cuir Senas am fear-lagha, agus Apollo air an adhart gu curamach, gus nach bi ni a dhith orra.
14Agus ionnsuicheadh na fir againne cuideachd a bhith adhartach ri deagh oibrichean gus am feum riatanach, gus nach bi iad gun toradh.
15Tha iadsan uile, a tha maille rium, a cur bheannachdan ad ionnsuidh: cuir fàilt orrasan uile, aig a bheil gaol oirnn anns a chreideamh. Grasan De gun robh maille ribh uile. Amen.

Currently Selected:

Titus 3: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in