YouVersion Logo
Search Icon

Titus 2

2
II. CAIB.
Mar is còir do shean us og a theagasg: dleasnas sheirbhiseach: riaghailt caithe-bheatha chriostail.
1Ach labhair thusa na nichean a tha freagrach do theagasg fallain:
2Gum bi daoine aosda measarra, geamnaidh, glic, fallain an creideamh, an gradh, am faighidin:
3Boirionnaich aosda mar an ciadna ann an earradh naomh, gun a bhith ri casaidean briagach, gun a bhith cleachdadh moran fiona, a teagasg gu math,
4Los gun ionnsuich iad do na boirionnaich oga a bhith ciallach, gun toir iad gaol dha ʼm fearaibh, gaol dha ʼn cloinn,
5A bhith turail, geamnaidh, measarra, a gabhail curaim dhe ʼn tigh, suairc, umhailt dha ʼm fearaibh, gus nach fhaigh facal De toibheum:
6San doigh chiadna thoir comhairle air daoine oga, iad a bhith measarra.
7Anns gach ni fiach thu fhein na dʼ shamplair dheagh oibrichean, ann an teagasg, an treibhdhireachd, an stoldachd,
8Cainnt fhallain, neo-choireach; los sgàth a chur air-san, a tha air chaochla beachd, nuair nach eil e ʼna choinas ni air olc a radh mu ʼr deidhinn:
9Comhairlich seirbhisich a bhith umhailt dha ʼm maighistirean, anns a h-uile ni gan toileachadh, gun bhruidhinn air ais,
10Gun mhealltaireachd, ach gam fiachuinn fhein anns gach ni fior-dhileas, gus iad a bhith anns gach cuis ʼnan urram do theagasg Dhe ar Slanair.
11Oir nochdadh grasan De ar Slanair do dhaoine uile,
12Ga ʼr teagasg sinn a thighinn beo san t-saoghal so gu measarra, ʼs gu ceart, ʼs gu diadhaidh, a cur cuil ri mi-dhiadhachd, agus ri miannan saoghalta,
13Le duil ris an dochas bheannaichte, agus ri tighinn gloir an De mhoir, agus ar Slanair Iosa Criosta,
14A thug e fhein seachad air ar son, los gun saoradh e sinn bho ʼn h-uile olc, ʼs gun glanadh e dha fhein pobull taitneach, luchd-leanmhuinn dheagh oibrichean.
15Labhair, us earalaich, us cronaich na nichean so, leis a h-uile ughdaras. Na sealladh duine air bith sios ort.

Currently Selected:

Titus 2: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Free Reading Plans and Devotionals related to Titus 2

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy