YouVersion Logo
Search Icon

N. Marc 2

2
II. CAIB.
Criosta, leigheas an fhir air an robh a chrith: a gairmeadh Mhatu: e a gabhail leisgeul a dheisciopul.
1Agus chaidh e stigh a rithist do Chapharnaum an ceann beagan laithean.
2Us chualas gun robh e san tigh, agus chruinnich moran, ionnus ʼs nach faigheadh iad fiu timchioll an doruis, us labhair e am facal riu.
3Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.
4ʼSa chionn nach bʼurrainn iad a chur ʼna lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad an tigh far an robh e; ʼs air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe ʼna laidhe.
5ʼS nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.
6Ach bha cuidʼ de na Sgriobhaich ʼnan suidhe an sin, ʼsa smaoineachadh ʼnan cridheachan:
7Ciod thaʼm fearsa cantuinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia ʼna aonar?
8Dhʼaithnich Iosa san uair ʼna spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, us thuirt e riu: Car-son tha sibh a smaoineachadh nan nichean sin ʼnur cridheachan?
9Co dhiu is fhasa gh-radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?
10Ach los fios a bhith agaibh gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)
11Deiream riut: Eirich, tog do leaba, agus imich gu do thigh.
12Agus ghrad-dhʼeirich e: ʼsa togail a leaba, dhʼfhalbh e ʼnam fianuis uile; air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh air fad, ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Cha n-fhaca sinn riamh a leithid so.
13Us chaidh e mach a rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, us theagaisg e iad.
14ʼS nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis ʼna shuidhe an tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e.
15Agus thachair, nuair a bha e ʼna shuidhe aig biadh ʼna thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor us pheacach mar ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.
16Agus na Sgriobhaich ʼs na Phairisich a faicinn gun robh e g-iche comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Car-son a tha ur maighistir a g-iche ʼsa g-ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?
17Air do Iosa so chluinntinn, thuirt e riu: Cha n-eil feum aig daoine slana air leigh, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach.
18Agus bha deisciopuil Eoin ʼs nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, us thuirt iad ris: Car-son tha deisciopuil Eoin ʼs nam Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg?
19Us thuirt Iosa riu: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riu? Fhad ʼsa bhitheas fear-na-bainnse cuide riu, cha n-urrainn dhaibh trasgadh.
20Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.
21Cha n-fhuaghail duine air bith breid de dhʼaodach ùr air seann eideadh: air-neo bheir am breid ùr a liad fhein as an t-seann aodach, us bithidh an stracadh nas mua.
22Agus cha chuir duine sam bith fion ùr ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is còir fion ùr a chur an searragan ùra.
23Us thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tromh achaidhean arbhair air an t-sàbaid, gun a theann a dheisciopuil, ʼs iad a gabhail air an adhart, ri spioladh dhias.
24Us thuirt na Phairisich ris: Seall, car-son tha iad a dianamh air latha na sàbaid ni nach eil ceadaichte?
25Us thuirt e riu: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Dài, nuair a bha e feumach ʼs air acras, e fhein agus iadsan a bha cuide ris?
26Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte icheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhse a bha comhla ris?
27Us thuirt e riu: Rinneadh an t-sàbaid air son an duine, ʼs cha n-e an duine air son na sàbaid.
28Mar sin se Mac an duine Tighearna na sàbaid fhein.

Currently Selected:

N. Marc 2: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy