YouVersion Logo
Search Icon

N. Marc 3

3
III. CAIB.
Criosta leigheas na laimhe seargte, a taghadh an dà ostal dhiag, ʼsa diteadh blaisbheum nam Phairiseach.
1Us chaidh e stigh a rithist do ʼn t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte.
2Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air na laithean sàbaid; los cuis dhitidh fhaighinn ʼna aghaidh.
3Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon.
4Us thuirt e riu: A bheil e laghail math dhianamh air na laithean sàbaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as di? Ach bha iadsan ʼnan tosd.
5ʼSa g-amharc orra mun cuairt le feirg ʼs le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Agus shìn e i: us rinneadh slan a lamh dha.
6ʼSna Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich ʼna aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad a dhith e.
7Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile ʼs bho Iudéa,
8Agus bho Ierusalem, agus bho Iduméa, ʼs bho thaobh thall Iordain; us iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, ʼs iad air cluinntinn nan nichean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh.
9Agus thuirt e ri dheisciopuil, saghach beag a bhith ga fhreasdal as leth an t-sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e.
10Oir leighis e moran, air chor ʼs gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn da, a mhiad ʼsa bha easlainteach.
11ʼS nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dhʼeigh iad, a g-radh:
12Is tusa Mac Dhe. Us mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach.
13ʼSa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a bʼaill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh.
14Agus roghnaich e gum biodh dà fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad.
15Us thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach.
16Agus thug e Peadar mar ainm air Simon:
17Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, us thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich:
18Agus Aindris, agus Philip, agus Bartholomé, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananéach,
19Agus Iudas Iscariot, esa mar an ciadna a bhrath e.
20Us thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor ʼs nach bʼ urrainn daibh urad agus aran iche.
21ʼS nuair a chual a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Guna ghabh e an caothach.
22Us thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas á Ierusalem: Tha Beelsebub aige, ʼs gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan.
23ʼS an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riu ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach?
24Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, cha n-urrainn do ʼn rioghachd sin seasamh.
25Agus ma bhios tigh air a roinn ʼna aghaidh fhein, cha n-urrainn do ʼn tigh sin seasamh.
26ʼS ma tha Satan air eirigh ʼna aghaidh fhein, tha e roinnte, ʼs cha n-urrainn da seasamh, ach tha crioch air.
27Cha n-urrainn do neach air bith dol a stigh do thigh duine laidir, agus ʼairneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh.
28Gu firinneach tha mi g-radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum:
29Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha n-fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh.
30Chionn gun robh iad a g-radh: Tha spiorad neo-ghlan aige.
31Us thainig a mhathair ʼsa bhraithrean; ʼs ʼnan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh.
32Agus bha an sluagh ʼnan suidhe mun cuairt da; us thuirt iad ris: Faic tha do mhathair ʼs do bhraithrean a muigh ga tʼ iarraidh.
33Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?
34ʼSa g-amharc mun cuairt orrasan, a bha ʼnan suidhe mu thimchioll, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean.
35Oir is esan, a ni toil De, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.

Currently Selected:

N. Marc 3: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in