Cholosse 1
1
I. CHAIBIDEAL.
Tha e toirt taing do Dhia air son nan gras, a thugadh do mhuinntir Cholosse: tha e g-urnaigh air an son: se Criosta ceann na h-eaglais, ar fear-reite le fhuil: se Pol fhear-teagaisg.
1Pol, ostal Iosa Criosta tromh thoil Dhe, agus Timoti, brathair,
2Do na naoimh ʼs do na braithrean dileas ann an Iosa Criosta, a thʼ ann an Colosse.
3Grasan agus sith dhuibh bho Dhia, ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Tha sinn a toirt taing do Dhia, agus Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a g-urnaigh daonnan air ur son:
4A cluinntinn mu ʼr creideamh ann an Iosa Criosta, agus mu ʼn ghaol a thʼ agaibh air na naoimh uile,
5Air son an dochais a tha feitheamh oirbh ann am flathanas, mu ʼn cuala sibh bho fhacal na firinne san t-soisgeul,
6A rainig sibhse, mar a tha e san t-saoghal gu leir, ʼsa tha cinneachadh agus a miadachadh, ceart mar unnaibhse, bho ʼn latha a chuala ʼsa thuig sibh grasan Dhe ann am firinn,
7Mar a dhʼ ionnsuich sibh bho Epaphras, ar co-sheirbhiseach ro ghradhach, a tha dhuibhse ʼna fhear-frithealaidh dileas Iosa Criosta,
8A rinn follaiseach dhuinne cuideachd ur deagh thoil san spiorad:
9Uime sin, bho ʼn latha a chuala sinn so, cha n-eil sinn a lasachadh a g-urnaigh air ur son, agus a g-iarraidh sibh a bhith air ur lionadh le eolas air a thoil, anns a h-uile gliocas agus tuigse spioradail:
10Gu sibh a dhʼ imeachd gu h-airidh air Dia, ga thoileachadh anns gach ni: torach anns a h-uile deagh ghniomh, ʼsa tighinn air ur n-adhart ann an eolas De:
11Air ur furtachadh leis a h-uile càileachd, a reir cumhachd a ghloir, leis a h-uile faighidin agus fad-fhulangas lo sòlas:
12A toirt taing do Dhia an t-Athair, a rinn sinn toillteanach air roinn a bhith againn ann an crannchur nan naomh ann an solus:
13A spion sinn bho chumhachd an dorchadais, ʼsa dhʼ aisig sinn gu rioghachd a Mhic ionmhuinn fhein,
14Anns a bheil saorsa againn tromh fhuil, mathanas pheacannan;
15Agus is iomhaigh Dhe neo-fhaicinnich e, ciad-ghin a h-uile creutair:
16Oir annsan chruthaicheadh a h-uile ni air neamh agus air talamh, faicinneach agus neo-fhaicinneach, co-dhiu is cathraichean iad, no uachdranachdan, no prionnsachdan, no cumhachdan: chruthaicheadh a h-uile ni leis agus ann;
17Agus romh ʼn h-uile tha esan, us leis-san tha gach ni air an cumail suas.
18Agus is esan ceann corp na h-eaglaise, ʼs gur e an toiseach, a chiad-ghin bho na mairbh: gus an ard-uachdranachd a bhith aige anns a h-uile ni.
19A chionn gun do lan-thaitinn e ris an Athair, a h-uile lanachd a thamh ann,
20Us troimh-san gach ni a thoirt gu reit ris fhein, a dianamh sithe, tromh fhuil a chroise, a thaobh na tha air talamh mar-aon agus na tha air neamh.
21Agus sibhse, a bha uair ʼnur coigrich, ʼs ʼnur naimhdean a thaobh inntinn ann an droch oibrichean:
22Ach a nis rinn e sibh reidh ris ʼna chorp feolmhor tromh a bhàs, gus ur tairgse naomh, agus gun smal, agus neo-chiontach ʼna lathair:
23Ma se ʼs gum fan sibh anns a chreideamh gu suidhichte, ʼs gu steidheil, ʼs gun charachadh bho dhochas an t-soisgeil a chuala sibh, a tha air a shearmonachadh do ʼn h-uile creutair a tha fo neamh, dha ʼn dʼ rinneadh mise Pol na mʼ fhear-frithealaidh;
24ʼS a tha nis aoibhneach na mʼ fhulangas air ur son, a dianamh suas na bha dhʼ easbhuidh air fulangas Chriosta na mʼ fheoil air son a chuirp-sa, se sin an eaglais:
25Dha ʼn dʼ rinneadh mise am fhear-frithealaidh a reir riarachadh Dhe, a thugadh dhomh dha ʼr taobhsa, gus mi facal De a choimhlionadh:
26A mhistire a bha falaichte bho linntean ʼs bho ghinealachdan, ach a tha nis air a follaiseachadh dha ʼnaoimh,
27Dha ʼn do dheonaich Dia saibhreas gloir na mistire so fhiachuinn am measg nan cinneach, se sin Criosta, unnaibhse dochas na gloire,
28Esan tha sinn a searmonachadh, a comhairleachadh gach duine, agus a teagasg gach duine leis a h-uile gliocas, gus sinn a h-uile duine fhiachuinn coimhlion ann an Iosa Criosta;
29ʼSann ri so a tha mi saothrachadh, a stri air reir oibre-san, a tha e g-oibreachadh unnam le cumhachd.
Currently Selected:
Cholosse 1: MacETN
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapi.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017