YouVersion Logo
Search Icon

Philippi 4

4
IV. CAIB.
Tha e gam brosnachadh gu leanailt gu buan air beartan matha, ʼsa toirt taing dhaibh air son an tiodhlaicean dha.
1Uime sin, a bhraithrean ro ghaolach ʼs dha bheil mo mhor speis, mo shòlas agus mo chrùn; fanaibh mar so steidheil san Tighearna, a chuideachda mo ruin.
2Tha mi guidhe air Ebhodia, ʼs tha mi griosad air Sintiche, iad a bhith a dhʼ aon bheachd san Tighearna.
3Us tha mi g-achanaich ortsa cuideachd, a chompanaich threibhdhirich, na boirionnaich sin a chuideachadh, a dhʼ oibrich anns an t-soisgeul comhla riumsa, maille ri Clement agus mo luchd-cuideachaidh eile, aig am beil an ainmean an leabhar na beatha.
4Bithibh aoibhneach san Tighearna daonnan: a rithist tha mi g-radh: Bithibh aoibhneach.
5Biodh ur stuamachd follaiseach do dhaoine uile: tha an Tighearna faisg.
6Na biodh iomaguin oirbh: ach anns a h-uile ni le urnaigh ʼs le achanaich maille ri buidheachas, biodh ur n-iarratasan aithnichte do Dhia.
7Agus gun gleidh sith Dhe, a tha dol fos cionn a h-uile tuigse, ur cridhe ʼs ur n-inntinn ann an Iosa Criosta.
8Mar thuilleadh, a bhraithrean, ge bʼ iad nichean a tha fior, ge bʼ iad nichean a tha geamnaidh, ge bʼ iad nichean a tha ceart, ge bʼ iad nichean a tha naomh, ge bʼ iad nichean a tha gaolach, ge bʼiad nichean a tha cliuiteach, ma tha subhailc ann, ma tha moladh air oilean, orra sin smaoinichibh.
9Na nichean a dhʼ fhaghluim sibh, ʼsa ghabh sibh, ʼsa chuala sibh, ʼsa chunnaic sibh unnamsa, dianaibh iad; agus bithidh Dia na sithe maille ribh.
10A nis tha mi gabhail mor aoibhneis san Tighearna, a chionn mu dheireadh thall gun do bhlathaich ur deagh thoil riumsa as ùr, ceart mar a bha i roimh: ach bha e ana-cothromach dhuibh.
11Cha n-ann mar air son uireasuidh a tha mi labhairt: oir dhʼ ionnsuich mi bhith toilichte le ciod air bith staid sam bi mi.
12Is aithne dhomh cur suas ris an dà chuid, gainne agus pailteas: (chleachdadh mi ris a h-uile h-aite ʼs ris a h-uile ni) a bhith sasaichte mar aon ʼsa bhith air acras, pailteas a mhealtuinn mar-aon agus uireasuidh fhulang.
13ʼS urrainn domh a h-uile ni dhianamh annsan, a tha gam neartachadh.
14An deigh sin uile is math a rinn sibh, mo chuideachadh na mʼ thrioblaid.
15Agus tha fios agaibhse cuideachd, a mhuinntir Philippi, nuair a dhʼ fhag mi Macedonia, ann an tùs an t-soisgeil, nach do chuidich eaglais air bith leam a thaobh toirt agus gabhail, ach sibhse a mhain:
16Oir aon uair agus uair eile, chuir sibh do Thessalonica na bha gu mʼ fheum.
17Cha n-e gum beil mi g-iarraidh an tiodhlaic, ach se tha bhuam an toradh lan-phailt air ur taobhsa.
18Ach tha h-uile ni agam, ʼs tha mo leor mhor agam: tha mi lan, ʼs mi air faighinn bho Epaphroditus nan nichean a chuir sibh h-ugam, fàile cubhraidh, iobairt bhlasda, thaitneach do Dhia.
19Ach gum bʼ e mo Dhia a ni suas dhuibh ur n-uile iarratas a reir a bheartais ann an gloir ann an Iosa Criosta.
20A nis do Dhia ʼs ar n-Athair gun robh gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen.
21Cuiribh fàilt air a h-uile naomh ann an Iosa Criosta.
22Tha na braithrean a tha maille riumsa a cur fàilte oirbh. Tha na naoimh uile a cur fàilte oirbh, fos leth iadsan a tha de theaghlach Chésair.
23Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ri ʼr spiorad. Amen.

Currently Selected:

Philippi 4: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in