Uime sin, bho ʼn latha a chuala sinn so, cha n-eil sinn a lasachadh a g-urnaigh air ur son, agus a g-iarraidh sibh a bhith air ur lionadh le eolas air a thoil, anns a h-uile gliocas agus tuigse spioradail:
Gu sibh a dhʼ imeachd gu h-airidh air Dia, ga thoileachadh anns gach ni: torach anns a h-uile deagh ghniomh, ʼsa tighinn air ur n-adhart ann an eolas De