Tobit 8
8
CAIB. VIII.
1Agus an uair a ghabh iad an suipeir, thug iad Tobias a steach dʼ a h‑ionnsuidh.
2Agus ʼn àm da a dhol, chuimhnich e focail Raphaeil, agus ghabh e luaithre an deagh‑fhàile, agus air sin chàruich e cridhe agus grùan an éisg, agus thog e deatach leis.
3An uair a mhothuich an droch spiorad an fhàile, theich e gu crìochaibh iomallach na h‑Eiphit, agus cheangal an t‑aingeal e.
4Agus an déigh sin bha iad ʼnan dithis air an dùnadh a stigh cuideachd, dhʼ éirich Tobias as an leabaidh, agus thubhairt e, A pheathair, éirich, agus guidheamaid gu ʼn gabhadh Dia truas rinn.
5An sin thòisich Tobias ri ràdh, Is beannaichte thusa, O Dhé ar n‑aithriche, agus is beannaichte tʼ ainm naomh agus glòrmhor gu sìorruidh: beannaicheadh na nèamha thu, agus do chreutairean uile.
6Rinn thu Adhamh, agus thug thu dha Eubha a bhean fein mar chuideachadh agus mar thearmunn: uatha‑san thàinig an cinne‑daoine. Thubhairt thu, Cha ʼn ʼeil e maith gu ʼm biodh an duine ʼna aonar: deanamaid air a shon cuideachadh cosmhuil ris fein.
7Agus a nis, O Thighearna, cha ʼn ʼeil mi ʼga gabhail so mo phiuthar air son ana‑mìonna, ach gu ceart: uime sin òrduich gu tròcaireach, gu ʼm fàs sinn aosmhor cuideachd.
8Agus thubhairt ise air aʼ mhodh cheudna, Amen.
9Mar sin choidil iad le chéile an oidhche sin. Agus dhʼ éirich Raguel, agus chaidh e, agus rinn e uaigh,
10Ag ràdh, Tha eagal orm gu ʼm faigh esan bàs mar an ceudna.
11Ach an uair a thàinig Raguel chum a thighe,
12Thubhairt e rʼ a mhnaoi fein Edna, Cuir air falbh aon do na ban‑sheirbhisich, agus faiceadh i am bheil e beò: mar eil e beò, gu ʼn adhlaic sinn e, agus nach bi fios aig neach air.
13Mar sin dhʼ fhosgail a bhan‑sheirbhiseach an dorus, agus chaidh i stigh, agus fhuair i iad le chéile ʼnan codal,
14Agus thàinig i a mach, agus dhʼ innis i dhoibh gu ʼn robh e beò.
15An sin mhol Raguel Dia, agus thubhairt e, O Dhé, tha thu airidh a bhi air do mholadh leis gach moladh fìor‑ghlan agus naomh: uime sin moladh do naoimh thu maille ridʼ chreutairibh uile: agus moladh tʼ ainglean agus do dhaoine taghta thu gu sìorruidh.
16Tha thu gu bhi air do mholadh, oir rinn thu aoibhneach mi; agus cha tàinig sin orm ris an robh dùil agam: ach bhuin thu ruinn a réir do mhòir thròcaire.
17Tha thu gu bhi air do mholadh, do bhrìgh gu ʼn do nochd thu tròcair do dhithis a bha ʼnan aon‑ghin chloinne dʼ an aithrichibh; nochd tròcair dhoibh, O Thighearna, agus cuir crìoch air am beatha ann an slàinte le h‑aoibhneas agus tròcair.
18An sin dhʼ iarr Raguel air a sheirbhisich an uaigh a lìonadh.
19Agus ghléidh iad cuirm na bainnse rè cheithir là deug.
20Oir ma ʼn do chrìochnaicheadh làithean na bainnse, thubhairt Raguel ris le mionnaibh, nach fheudadh e dol air falbh gus am biodh ceithir làithean deug na bainnse air dol thairis;
21Agus an sin gu ʼn gabhadh e dara‑leth a chodach, agus gu ʼm falbhadh e ann an tèaruinteachd dhʼ ionnsuidh athar; agus gu ʼm faigheadh e aʼ chuid eile an uair is bàs dòmhsa agus do ʼm mhnaoi.
Currently Selected:
Tobit 8: MacGAP
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017