YouVersion Logo
Search Icon

Tobit 7

7
CAIB. VII.
1Agus an uair a ràinig iad Ecbatane, thàinig iad gu tigh Ragueil, agus chòmhlaich Sara iad; agus an déigh fàilt a chur air aon a chéile, thug i do ʼn tigh iad.
2An sin thubhairt Raguel ri Edna a mhnaoi fein, Nach cosmhuil an t‑òganach so ri Tobit mo charaid!
3Agus dhʼ fheòraich Raguel diubh, Cia as duibh, a bhràithre? Dʼ an tug iad freagradh, Is sinne mic Nephtalim, a ta ʼnar bràighdibh ann an Ninebhe.
4An sin thubhairt e riù, An aithne dhuibh Tobit ar caraid? Agus thubhairt iad, Is aithne dhuinn e. An sin thubhairt e, Am bheil e ann an deagh shlàinte?
5Agus thubhairt iad, Tha e an dà chuid beò, agus ann an deagh shlàinte. Agus thubhairt Tobias, Is mʼ athair e.
6An sin leum Raguel suas agus phòg se e, agus ghuil e,
7Agus bheannaich se e, agus thubhairt e ris, Is mac thu do dhuine ionraic agus maith. Ach an uair a chual e gu ʼn robh Tobit dall, bha e brònach, agus ghuil e.
8Agus ghuil mar an ceudna Edna a bhean agus Sara a nighean. Gidheadh, ghabh iad rompa gu h‑aoidheil; agus an déigh dhoibh reithe as an treud a mharbhadh, chuir iad pailteas air aʼ bhòrd. An sin thubhairt Tobias ri Raphael, a Bhràthair, Asariais, labhair mu na nithibh sin air an tug thu iomradh air an t‑slighe, agus rachadh ceann air a ghnothuch.
9Uime sin chuir e aʼ chùis an céill do Raguel. Agus thubhairt Raguel ri Tobias, ith, agus òl, agus bi subhach;
10Oir tha e freagarrach gu ʼm pòsadh tu mo nighean: gidheadh, cuiridh mi an fhìrinn an céill duit.
11Thug mise mo nighean ann am pòsadh do sheachdnar fhear, a bhàsaich an oidhche air an tàinig iad a steach dʼ a h‑ionnsuidh: gidheadh, bi cridheil ʼsan àm a ta làthair. Ach thubhairt Tobias, cha ʼn ith mi a bheag an so, gus an còrd sinn, agus gus am bòidich sinn dʼ a chéile.
12Thubhairt Raguel, Gabh i uime sin o so a mach a réir na riaghailt, oir is tusa a caraid, agus is leat‑sa i, agus gu ʼn soirbhicheadh an Dia tròcaireach leat anns na h‑uile nithibh.
13An sin ghairm e air Sara a nighean fein, agus thàinig i chum a h‑athar; agus ghlac e air làimh i, agus thug e i mar mhnaoi do Thobias, ag ràdh, Feuch, gabh i a réir lagha Mhaois, agus giùlan leat i dhʼ ionnsuidh tʼ athar: agus bheannaich se iad;
14Agus ghairm e air Edna a mhnaoi fein, agus ghabh e paipeir, agus sgrìobh e bann‑chùmhnant, agus sheulaich se e.
15An sin thòisich iad air itheadh.
16An déigh sin ghairm Raguel air Edna a mhnaoi fein, agus thubhairt e rithe, A Pheathair, ullaich seòmar eile, agus thoir a steach i dʼ a ionnsuidh.
17An uair a rinn i mar a dhʼ àithneadh dhi, thug i a steach i; agus ghuil i, agus fhuair i deuran a nighinn, agus thubhairt i rithe,
18Biodh deagh mhisneach agad, a nighinn; gu ʼn tugadh Tighearna nèimh agus na talmhainn aoibhneas duit a ʼn àit do bhròin a nis: biodh deagh mhisneach agad, a nighinn.

Currently Selected:

Tobit 7: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in