YouVersion Logo
Search Icon

Tobit 6

6
CAIB. VI.
1Agus ʼn àm doibh a dhol air an turas, thàinig iad ʼsan fheasgair dhʼ ionnsuidh na h‑aibhne Tigris, agus thàmhaich iad an sin.
2Agus an uair a chaidh an t‑òganach sìos ʼga ionnlad fein, leum iasg as an abhainn, agus shluigeadh e suas e.
3An sin thubhairt an t‑aingeal ris, Glac an t‑iasg. Agus rinn an t‑òganach gréim air an iasg, agus tharruing e gu tìr e.
4A deir an t‑aingeal ris, Fosgail an t‑iasg, agus gabh an cridhe, agus an grùan, agus an dòmblas, agus taisg iad gu tèaruinte.
5Mar sin rinn an t‑òganach mar a dhʼ àithn an t‑aingeal dha: agus an uair a ròist iad an t‑iasg, dhʼ ith iad e: an sin chaidh iad nan dithis air an turas, gus an do dhlùthaich iad ri Ecbatane.
6An sin thubhairt an t‑òganach ris an aingeal, A Bhràthair Asariais, ciod is feum do ʼn chridhe, agus do ʼn ghrùan, agus do ʼn dòmblas aig an iasg?
7Agus thubhairt e ris, A thaobh aʼ chridhe agus aʼ ghrùain, ma chuireas deamhan no droch spiorad trioblaid air neach sam bith, feumaidh sinn deatach a dheanamh dheth am fianuis an fhìr, na aʼ bhoirionnaich, agus cha bhi dorran air aʼ chuideachd ni ʼs mò.
8Agus a thaobh an dòmblais, tha e maith chum duine ungadh aig am bheil gile ʼna shùilibh, agus slànuichear e.
9Agus an uair a bha iad air teachd am fagus do Rages,
10Thubhairt an t‑aingeal ris an òganach, A Bhràthair, fanaidh sinn an diugh maille ri Raguel, a ta ʼna charaid dhòmh‑sa; tha a mhàin aon nighean aige, dʼ an ainm Sara; iarraidh mi i, chum gun toirear duit i mar mhnaoi.
11Oir agad‑sa tha ceart‑chòir oirre, air duit‑sa a mhàin a bhi dʼ a cinneach.
12Agus tha an ainnir maiseach agus glic: a nis uime sin éisd rium, agus labhraidh mi rʼ a h‑athair; agus an uair a philleas sinn o Rages, cumaidh sinn am pòsadh: oir tha fios agam nach urrainn Raguel a toirt ann am pòsadh do dhuine eile a réir lagha Mhaois; ach bithidh e ciontach do ʼn bhàs, a chionn gu ʼm bheil an tuilleadh còir agadsa air dlighe na h‑oighreachd na aig neach idir eile.
13An sin fhreagair an t‑òganach an t‑aingeal, chual mi, a bhràthair Asariais, gu ʼn tugadh an ainnir so do sheachdnar fhear, a bhàsaich gu léir ʼsan t‑seòmair‑phòsaidh.
14Agus a nis is aon mhac mʼ athar mise, agus tha eagal orm, ma théid mi a steach dʼ a h‑ionnsuidh, gu ʼm faigh mi bàs, mar a fhuair càch roimh; oir thug droch spiorad spéis di, nach dean cron do neach idir ach iadsan a théid dʼ a h‑ionnsuidh: air an aobhar sin tha eagal aʼ bhàis ormsa mar an ceudna, agus gu ʼm bi mi coireach ri beatha mʼ athar agus mo mhàthar a thoirt do ʼn uaigh le bròn, oir cha ʼn ʼeil mac idir eile aca chum an adhlacadh.
15An sin thubhairt an t‑aingeal ris, Nach ʼeil cuimhne agad air na h‑àitheantaibh a thug tʼ athair dhuit, gu ʼm pòsadh tu té dodʼ chinneach fein? Uime sin, éisd rium, O a bhràthair; oir bheirear duit i mar mhnaoi: agus na biodh cùram ort mu ʼn droch spiorad; oir air an oidhche so fein bheirear dhuit ann am pòsadh i.
16Agus an uair a thig thu a stigh do ʼn t‑seòmair‑phòsaidh, gabhaidh tu luaithre an deagh‑fhàile, agus cuiridh tu thairis orra beagan do chridhe agus do ghrùan an éisg, agus togaidh tu deatach leis;
17Agus gabhaidh an deamhan fàile dheth, agus teichidh e air falbh, agus cha phill e tuilleadh ni ʼs mò: ach an uair a thig thu dʼ a h‑ionnsuidh, éiribh suas le chéile, agus deanaibh ùrnuigh ri Dia a ta tròcaireach, a ghabhas truas ribh, agus a theàrnas sibh: na biodh eagal ort, oir shònraicheadh dhuit‑sa i o ʼn toiseach; agus gabhaidh tu cùram dhi, agus théid i maille riut: os bàrr, ʼsi mo bharail gu ʼm beir i clann dhuit. A nis, an uair a chual Tobias na nithe sin, ghràdhaich e i, agus bha a chridhe gu buileach air aonachadh rithe.

Currently Selected:

Tobit 6: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in