YouVersion Logo
Search Icon

Tobit 5

5
CAIB. V.
1An sin fhreagair Tobias, agus thubhairt e, Athair, nì mise gach uile nithe a dhʼ àithn thu dhomh.
2Ach ciamar a gheibh mi an t‑airgiod, do bhrìgh nach aithne dhomh e?
3An sin thug e dha an làmh‑sgrìobhadh, agus thubhairt e ris, Iarr mach air son duine a théid maille riut am feadh fathast is beò mise, agus bheir mi tuarasdal da: agus rach agus faigh an t‑airgiod.
4Uime sin, an uair a chaidh e a dhʼ iarraidh duine, fhuair e Raphael, a bha ʼna aingeal;
5Ach cha robh fhios aige: agus thubhairt e ris, An urrainn thu dol maille rium gu Rages? agus am bheil deagh eòlas agad air na h‑àitibh sin?
6Thubairt an t‑aingeal ris, Théid mise maille riut, agus tha deagh eòlas agam air an t‑slighe: oir ghabh mi còmhnuidh maille ri ʼr bràthair Gabael.
7An sin thubhairt Tobias ris, Fuirich rium, gus an innis mi domʼ athair.
8An sin thubhairt e ris, Rach, agus na dean moille. Uime sin chaidh e a steach agus thubhairt ri ʼathair, Feuch, fhuair mi neach a théid maille rium. An sin thubhairt e, Gairm air a ʼm ionnsuidh, chum gu ʼm bi fios agam ciod an treubh dʼ am buin e, agus cia achd tha e ʼna dhuine dìleas gu dol maille riut.
9Uime sin ghairm e air, agus thàinig e a steach, agus chuir iad fàilt air aon a chéile.
10An sin thubhairt Tobit ris, a Bhràthair, nochd dhomh ciod an treubh agus an teaghlach dʼ am buin thu.
11Thubhairt e ris, Am bheil thu ʼg iarraidh air son tréibh no teaghlaich, no duine air thuarasdal gu dol maille ridʼ mhac? An sin thubhairt Tobit ris, bʼ àill leam, a bhràthair, fios fhaotuinn air do chinneach agus air tʼ ainm.
12An sin thubhairt e, Is mise Asarias, mac Ananiais an t‑uasail, agus dodʼ bràithre fein.
13An sin thubhairt Tobit, ʼSe do beatha, a bhràthair; na biodh a nis corruich ort riumsa a chionn gu ʼn dʼ fheòraich mi a dhʼ fhaotuinn a mach do chinnich agus do theaghlaich; oir is tu mo bhràthair, do fhreumh ionraic agus maith: oir tha mi eòlach air Ananias agus Ionathas, macaibh do ʼn duine mhòr sin Samaias, ʼn àm duinn dol cuideachd do Ierusalem a dheanamh aoraidh, agus a dhʼ ìobhradh aʼ cheud‑ghin, agus na deicheamh earranna do ʼn toradh; agus cha do thruailleadh iad le mearachd ar bràithre; a bhràthair, tha thu do dheagh bhunait.
14Ach innis domh, ciod an tuarasdal a bheir mi dhuit? an gabh thu peighinn ʼsan là, agus nithe freagarrach, mar domʼ mhac fein?
15Seadh, os bàrr, ma philleas sibh gu tèaruinte, co‑chuiridh mi nì eigin ridʼ dhuais.
16Mar sin bha iad ro thoillichte. An sin thubhairt e ri Tobias, Ullaich thu fein fa chomhar na slighe, agus gun cuireadh Dia deagh thuras oirbh. Agus an uair a dhʼ ullaich a mhac gach nì air son an turais, thubhairt athair, Rach thusa maille ris an duine so, agus gu ʼn soirbhicheadh Dia, a ta chòmhnuidh air nèamh, bhur turas, agus gu robh aingeal an Tighearna maille ribh. Mar sin chaidh iad nan dithis a mach, agus cù an òganaich maille riù.
17Ach ghuil Anna a mhàthair, agus thubhairt i ri Tobit, Cʼ arson a chuir thu ar mac air falbh? nach esan lorg ar làimhe, ʼn àm da bhi dol a steach agus a mach ʼnar làthair?
18Na biodh cìocras ort a chur airgid ri h‑airgiod: ach biodh e mar shalachar a thaobh ar leinibh:
19Oir an nì sin a thug an Tighearna dhuinn gu bhi beò air, is leòir e.
20An sin thubhairt Tobit rithe, Na biodh cùram ort, a pheathair; pillidh e ann an tèaruinteachd, agus chìth do shùilean e:
21Oir cumaidh an t‑aingeal maith comunn ris, agus bithidh a thuras soirbheasach, agus pillidh e tèaruinte.
22An sin sguir i a caoineadh.

Currently Selected:

Tobit 5: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in