YouVersion Logo
Search Icon

Tobit 4

4
CAIB. IV.
1Anns an là sin chuimhnich Tobit air an airgiod a thug e do Ghabael ann an Rages Mhedia,
2Agus thubhairt e ann fein, mhiannaich mi am bàs: cʼ arson uime sin nach ʼeil mi ʼgairm air mo mhac Tobias, chum gu ʼn cuir mi an céill da mu ʼn airgiod mu ʼm faigh mi bàs?
3Agus an uair a ghairm e air, thubhairt e, A mhic, an uair a gheibh mise bàs, adhlaic mi; agus na dean tàir air do mhàthair, ach thoir urram di uile làithean a beatha, agus dean an nì sin a ʼs àill leatha, agus na cuir bròn oirre.
4Cuimhnich, a mhic, gu ʼm fac i iomadh cunnart air do shon‑sa an uair a bha thu ʼna broinn; agus an uair a gheibh i bàs, adhlaic i rimʼ thaobh ʼsan aon uaigh.
5A mhic, bi cuimhneachail air an Tighearna ar Dia‑ne rè do làithean air fad, agus na biodh toil agad ann a bhi deanamh aʼ pheacaidh, no ann a bhi briseadh àitheantasan: dean gu h‑ionraic uile làithean do bheatha, agus na lean slighean na neo‑fhìreantachd.
6Oir ma nì thu do ghnothuch gu fìrinneach, éiridh do dheanadas leat, agus soirbhichidh iadsan uile a ta teachd beò ann an ceartas.
7Tabhair déirc á do chuid; agus an uair a bheir thu seachad déirc, na biodh do shùil farmadach, ni mò a thionndaidheas tu do ghnùis o bhochd sam bith, agus cha tionndaidhear gnùis Dé air falbh uait‑sa.
8Ma tha pailteas agad, thoir déirc seachad a réir sin: mar ʼeil ach beagan agad, na biodh eagal ort a thabhairt seachad a réir aʼ bheagain.
9Oir tha thu aʼ tasgadh suas deagh ionmhais air do shon fein fa chomhair là na h‑éigin.
10Do bhrìgh gu ʼn teasairg déirc o ʼn bhàs, agus cha cheadaich e teachd chum an dorchadais.
11Oir is deagh thiodhlac déirc dhoibh‑san uile a bheir seachad e ann an sealladh an Tì a ʼs Airde.
12A mhic, bi air tʼ fhaiceall roimh gach uile strìopachas; agus gu h‑àraidh gabh bean do shìol tʼ aithriche, agus na gabh mar mhnaoi boirionnach coimheach, nach buin do threubh tʼ athar fein: oir is clann nam fàidh sinn, Noe, Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib: cuimhnich, a mhic, gun do phòs ar n‑aithriche uile o ʼn toiseach, mnathan dʼ an cinneach fein, agus bha iad air am beannachadh ʼnan cloinn, agus sealbhaichidh an sìol‑san am fearann mar oighreachd.
13A nis, uime sin, a mhic, gràdhaich do bhràithre, agus na dean tàir ann do chridhe air do bhràithribh, macaibh agus nigheanaibh do shluaigh fein, gu ʼn bhean a ghabhail asda: oir ann an uabhar tha sgrios agus mòr thrioblaid, agus ann am mì‑gheamhnuidheachd tha caitheamh agus mòr uireasbhuidh: oir tha mì‑gheamhnuidheachd na màthair do ʼn ghorta,
14Na fanadh tuarasdal duine sam bith ʼnadʼ làimh a dhʼ oibrich air do shon, ach tabhair dha e air ball; oir ma nì thu seirbhis do Dia, ìocaidh e dhuit mar an ceudna: bi‑sa faiceallach, a mhic, anns gach nì ris an cuir thu do làmh, agus bi glic ʼnadʼ uile ghiùlain.
15Na dean an nì sin dʼ om bheil fuath agad, do dhuine sam bith; na h‑òl fìon a chur misg ort; ni mò a leigeas tu misg maille riut ʼnadʼ thuras.
16Roinn tʼ aran ris an ocrach, agus do sgeudachadh ris an lomnochd: agus a réir do phailteis thoir seachad déirce; agus na biodh farmad aʼ dʼ shùil an uair a bheir thu déirce seachad.
17Taom a mach tʼ aran air adhlac nam fìrean, agus na tabhair nì sam bith do ʼn aingidh.
18Iarr comhairle orra‑san uile a ta glic, agus na dean tàir air comhairle idir a ta chum buannachd.
19Beannaich an Tighearna do Dhia an còmhnuidh, agus iarr airsan do shlighean a stiùireadh, agus gun soirbhich do cheuman agus do chomhairlean uile: oir aig gach cinneach cha ʼn ʼeil comhairle; ach bheir an Tighearna fein gach nì maith, agus air an dòigh a ʼs àill leis, ìslichidh e an dream a ʼs àill leis: a nis uime sin, a mhic, cuimhnich mʼ àitheanta, ni mò a leigeas tu as tʼ inntinn iad.
20Agus a nis leigidh mi so ris duit, gu ʼn tug mi seachad deich tàlanna do Ghabael, mac Ghabriais aig Rages ann am Media.
21Agus na biodh eagal ort, a mhic, gu ʼn deanar bochd sinn: oir tha saibhreas mòr agad‑sa, ma bhios eagal an Tighearna ort, agus ma theicheas tu o gach uile pheacadh, agus ma nì thu an nì sin a ta taitneach ʼna shealladh‑san.

Currently Selected:

Tobit 4: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in