YouVersion Logo
Search Icon

Salm 3

3
Tha Dia na sgèith agus na dhìdean dhaibhsan a dh’earbas as.
Salm le Daibhidh, nuair a theich e ro Absalom a mhac.
1A Thighearna, nach lìonmhor a dh’fhàs mo naimhdean? Is iomadh iad a tha ag èirigh am aghaidh.
2Is iomadh iad a their rim anam nach eil furtachd aige ann an Dia#Salm 71:11. Selah.
3Ach tha thusa, a Thighearna, ad sgèith dhòmhsa; mo ghlòir agus fear‐togail mo chinn.
4Lem ghuth dh’èigh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium as a shliabh naomh. Selah.
5Laigh mi sìos agus chaidil mi#Salm 127:2: dhùisg mi, oir chùm an Tighearna suas mi.
6Chan eagal leam deich mìle sluaigh#Salm 27:1, etc., a chuir iad fhèin am aghaidh air gach taobh.
7Eirich, a Thighearna; saor mi, O mo Dhia; oir bhuail thu mo naimhdean uile air an gial#Iob 16:10; Tuir 3:30; bhris thu fiaclan nan aingidh.
8Is leis an Tighearna an fhurtachd#Isa 43:11; air do shluagh tha do bheannachd. Selah.

Currently Selected:

Salm 3: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy