Salm 2
2
1 Cumhachd agus oighreachd Chrìosd: 10 thugadh earail do bhritheamhan na talmhainn iad a dhèanamh seirbhis dha.
1Carson a ghabh na cinnich#Gnìo 4:25, 26 boile#Salm 46:6, agus a smaoinich na slòigh nì dìomhain?
2Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte‐san#Salm 45:7, ag ràdh,
3Briseamaid o chèile an cuibhreach#Lùc 19:14, agus tilgeamaid dhinn an cuing?
4An tì a tha na shuidhe air nèamh, nì e gàire; nì an Tighearna fanaid orra#Gnà 1:26.
5An sin labhraidh e riu na fheirg, agus na chorraich cuiridh e uamhann orra.
6Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh#Gnìo 5:31; Salm 110:1, 2; Isa 9:6, 7; Sech 9:9 air Sion, mo shliabh naomh‐sa.
7Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac‐sa#Mat 3:17; 17:5; Gnìo 13:33; Eabh 1:5; an‑diugh ghin mi thu.
8Iarr orm, agus bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh#Salm 22:27; 72:8; 89:27; Daniel 7:13.
9Brisidh tu iad le slait iarainn#Tais 2:27; 12:5; mar shoitheach creadhadair, pronnaidh tu iad nam bloighdean.
10A‑nis, matà, a rìghrean, bithibh glic; gabhaibh fòghlam, a bhritheamhan na talmhainn.
11Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal#Eabh 12:28, agus dèanaibh gàirdeachas le ball‐chrith.
12Pògaibh am Mac#Eòin 5:23 air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as#Salm 84:12.
Currently Selected:
Salm 2: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017