Lùcas 15
15
4 Cosamhlachd na caorach caillte, 8 a’ mhir airgeid, 11 agus a’ mhic stròdhail.
1An sin thàinig na cìs‐mhaoir uile agus na peacaich am fagas dha#Mat 9:10, etc., a‑chum èisdeachd ris.
2Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu#Gnà 11:3; 1 Cor 5:9‐11; Gal 2:12.
3Agus labhair esan an cosamhlachd seo riu, ag ràdh,
4Cò an duine dhibhse aig a bheil ceud caora#Mat 18:12, ma chailleas e aon dhiubh, nach fàg an naoi‐deug agus an ceithir‐fichead anns an fhàsach, agus nach tèid an dèidh na caorach a chailleadh gus am faigh e i?
5Agus air dha a faotainn, cuiridh e air a ghuaillean i le gàirdeachas.
6Agus nuair a thig e dhachaigh, gairmidh e a chàirdean agus a choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh riu, Dèanaibh gàirdeachas maille riumsa, a chionn gun d’fhuair mi mo chaora a bha caillte#Salm 119:176; 1 Pead 2:25.
7Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi aoibhneas air nèamh airson aon pheacaich a nì aithreachas#Lùc 5:32, nas mò na airson naoi‐deug agus ceithir‐fichead fìrean, aig nach eil feum air aithreachas.
8No cò a’ bhean aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn dhiubh, nach las coinneal, agus nach sguab an taigh, agus nach iarr gu dìcheallach gus am faigh i e?
9Agus air dhi a fhaotainn, gairmidh i a bana‐chàirdean agus a bana‐choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas leamsa, oir fhuair mi am bonn a chaill mi.
10Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè#Esec 18:23, 32; 33:11; Gnìo 11:18; Philip 1:15 airson aon pheacaich a nì aithreachas.
11Agus thubhairt e, Bha aig duine àraidh dithis mhac:
12Agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh ra athair, Athair, thoir dhòmhsa a’ chuid‐roinn a thig orm ded mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh.
13Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich.
14Agus nuair a chaith e a chuid uile, dh’èirich gort ro‑mhòr anns an tìr sin; agus thòisich e ri bhith ann an uireasbhaidh.
15Agus chaidh e agus cheangail e e fhèin ri aon de shaor‐dhaoine na dùthcha sin; agus chuir e da fhearann e, a bhiadhadh mhuc.
16Agus bu mhiann leis a bhrù a lìonadh de na plaoisg a bha na mucan ag ithe#Isa 44:20; Hos 12:1; oir cha tug neach air bith dha.
17Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh fhèin#1 Rìgh 8:47, thubhairt e, Cia lìon de luchd‐tuarasdail m’athar‐sa aig a bheil aran gu leòr agus ra sheachnadh, nuair a tha mise a’ bàsachadh le gort?
18Eiridh mi, agus thèid mi a dh’ionnsaigh m’athar#Salm 32:5; 116:5‐7; Hos 14:1‐3, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair‐sa#Salm 51:4.
19Agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac‐sa dhìom#Iob 42:6: dèan mi mar aon ded luchd‐tuarasdail.
20Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe#Iob 33:27, 28; Salm 103:10‐13; Ier 31:18‐25, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e.
21Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair‐sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom.
22Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr#Isa 61:10, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:
23Agus thugaibh an seo an laogh biadhte, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus bitheamaid subhach:
24Oir bha mo mhac seo marbh#Ròm 6:13; Eph 2:1; Col 2:13, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte#Lùc 19:10; Esec 34:4, 16, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach.
25A‑nis bha a mhac a bu shine a‑muigh anns an fhearann: agus nuair a thàinig e, agus a thàr e am fagas don taigh, chuala e an ceòl agus an dannsa.
26Agus ghairm e da ionnsaigh aon de na h‑òglaich, agus dh’fhiosraich e ciod a bu chiall do na nithean sin.
27Agus thubhairt esan ris, Thàinig do bhràthair: agus mharbh d’athair an laogh biadhte, a chionn gun d’fhuair e a‑rìs slàn fallain e.
28Agus ghabh esan fearg#Ròm 10:19, agus cha b’àill leis dol a‑steach: air an adhbhar sin thàinig a athair a‑mach, agus chuir e impidh air.
29Ach fhreagair esan agus thubhairt e ra athair, Feuch, tha mise a’ dèanamh seirbhis dhut an uiread seo de bhliadhnachan#Lùc 18:11; Isa 65:5, agus uair air bith cha do bhris mi d’àithne, gidheadh cha tug thu meann riamh dhomh, a‑chum gum bithinn subhach maille rim chàirdean.
30Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha.
31Agus thubhairt e ris, A mhic, tha thusa a‑ghnàth maille rium, agus na h‑uile nithean as leamsa, is leatsa iad.
32Bu chòir dhuinn#Ion 4:10, 11 a bhith subhach#Salm 51:8; Isa 35:10, agus aoibhneach; oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; agus bha e caillte, agus fhuaireadh e.
Currently Selected:
Lùcas 15: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017