YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 14

14
1 Shlànaich Crìosd neach air an robh a’ mheud‐bhronn, 7 theagaisg e irioslachd. 16 Le cosamhlachd na suipeir mòire, nochd e cionnas a bhitheas daoine saoghalta, a nì tàir air facal Dhè, air an druideadh a‑mach à rìoghachd nèimh.
1Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur‐fhaire air#Salm 37:32; Isa 29:20, 21.
2Agus, feuch, bha duine àraidh nan làthair air an robh a’ mheud‐bhronn.
3Agus fhreagair Iosa, agus labhair e ris an luchd‐lagha, agus ris na Pharasaich, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air là na sàbaid#Lùc 13:14?
4Ach dh’fhan iadsan nan tosd. Agus air dha breith air, leighis e e, agus leig e uaithe e:
5Agus fhreagair e iadsan, ag ràdh, Cò agaibhse, ma thuiteas a asal no a dhamh ann an slochd#Lùc 13:15; Ecs 23:5, nach tarraing a‑mach gu grad e air là na sàbaid?
6Agus cha b’urrainn iad a fhreagairt a‑rìs anns na nithean sin.
7Agus labhair e cosamhlachd riùsan a fhuair cuireadh, nuair a thug e fa‑near mar a thagh iad na ciad àiteachan‐suidhe, ag ràdh riu.
8Nuair a gheibh thu cuireadh o neach air bith a‑chum bainnse#Gnà 25:6, 7, na suidh anns a’ chiad àit; air eagal gun d’fhuair duine as urramaiche na thusa cuireadh uaithe;
9Agus gun tig an tì a thug cuireadh dhutsa agus dhàsan, agus gun abair e riut, Thoir àite don duine seo; agus gun tòisich thusa an sin le nàire air suidhe anns an àit as ìsle.
10Ach nuair a gheibh thu cuireadh, imich agus suidh anns an àit as ìsle; a‑chum, nuair a thig esan a thug cuireadh dhut, gun abair e riut, A charaid, suidh suas nas àirde: an sin gheibh thu urram an làthair na muinntir a tha nan suidhe air bòrd maille riut.
11Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e#Lùc 18:14; Iob 22:29; Mat 23:12; Seum 4:6; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.
12An sin thubhairt e ris an tì mar an ceudna a thug cuireadh dha, Nuair a nì thu dìnnear no suipear, na gairm do chàirdean, no do bhràithrean, no do luchd‐dàimh, no do choimhearsnaich shaoibhir#Gnà 22:16; air eagal gun toir iadsan mar an ceudna cuireadh dhutsa a‑rìs, agus gum faigh thu a’ chomain cheudna.
13Ach nuair a nì thu cuirm, gairm na bochdan#Neh 8:10, 12, na daoine ciurramach, na bacaich, na doill:
14Agus bidh tu beannaichte, a chionn nach urrainn iad a’ chomain cheudna a thoirt dhut: oir gheibh thu comain ann an aiseirigh nam fìrean.
15Agus nuair a chuala aon de na shuidh maille ris air bòrd na nithean sin, thubhairt e ris, Is beannaichte an tì sin a dh’itheas aran ann an rìoghachd Dhè#Tais 19:9.
16Ach thubhairt esan ris, Rinn duine àraidh suipear mhòr#Isa 25:6, 7, agus thug e cuireadh do mhòran:
17Agus chuir e a sheirbhiseach uaithe an àm na suipeir a ràdh ris a’ mhuinntir a fhuair cuireadh, Thigibh, oir tha na h‑uile nithean a‑nis ullamh#Gnà 9:2, 5; DànShol 5:1; Isa 55:1, 2.
18Agus thòisich iad uile a dh’aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thubhairt an ciad fhear ris#Lùc 9:14, Cheannaich mi fearann, agus is èiginn dhomh dol a‑mach agus fhaicinn: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.
19Agus thubhairt fear eile, Cheannaich mi còig cuing dhamh, agus tha mi dol gan dearbhadh: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.
20Agus thubhairt fear eile, Phòs mi bean#Lùc 14:26; 1 Cor 7:33, agus air an adhbhar sin chan eil e an comas dhomh teachd.
21Agus thàinig an seirbhiseach sin, agus dh’innis e na nithean sin da thighearna. An sin air gabhail feirge do fhear‐an‑taighe#Salm 2:12, thubhairt e ra sheirbhiseach, Gabh a‑mach gu grad gu sràidean agus gu caol‐shràidean a’ bhaile, agus thoir a‑steach an seo na bochdan, agus na daoine ciurramach, agus na bacaich, agus na doill.
22Agus thubhairt an seirbhiseach, A thighearna, rinneadh mar a dh’òrdaich thu, gidheadh tha àite falamh ann fhathast#Salm 103:6; 130:7.
23Agus thubhairt an tighearna ris an t‑seirbhiseach, Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na gàrraidhean, agus co‑èignich iad gu teachd a‑steach#2 Cor 5:20, a‑chum gum bi mo thaigh air a lìonadh.
24Oir tha mi ag ràdh ribh nach blais aon de na daoine ud, a fhuair cuireadh, dem shuipeir‐sa#Gnà 1:24; Mat 21:43; Eabh 12:25.
25Agus bha sluagh mòr ag imeachd maille ris: agus air dha tionndadh, thubhairt e riu,
26Ma thig neach air bith am ionnsaigh‐sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean‐phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa#Deut 33:9; Mat 10:37.
27Agus ge bè neach nach giùlain a chrann‐ceusaidh#Mat 16:24; Marc 8:34; 2 Tim 3:12, agus nach lean mise, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
28Oir cò am fear agaibhse leis am miann tùr a thogail, nach suidh sìos air tùs, agus nach meas an costas, a dh’fheuchainn a bheil aige na chuireas crìoch air?
29Air eagal an dèidh dha a bhunait a leagadh, agus gun a bhith comasach air crìoch a chur air, gun tòisich na h‑uile a chì e ri fanaid air,
30Ag ràdh, Thòisich an duine seo air taigh a thogail, agus cha b’urrainn e a chrìochnachadh.
31No cò an rìgh, aig dol a‑mach dha gu cogadh an aghaidh rìgh eile, nach suidh sìos air tùs, agus nach gabh comhairle#Gnà 20:18, a dh’fheuchainn an urrainn e le deich mìle coinneamh a thoirt dhàsan a tha a’ teachd le fichead mìle na aghaidh?
32No air a bhith dhàsan fhathast fada uaithe, cuiridh e teachdaireachd a dh’iarraidh cumhachan sìthe.
33Mar sin mar an ceudna, gach neach agaibhse nach trèig na h‑uile nithean a tha aige#Philip 3:7, 8, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
34Tha an salann math#Mat 5:13; Marc 9:50: ach ma chailleas an salann a bhlas, ciod e leis an dèanar deagh‐bhlasda e?
35Chan eil e iomchaidh a‑chum na talmhainn, no a‑chum an dùnain; ach tilgidh daoine a‑mach e. An tì aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Currently Selected:

Lùcas 14: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in