YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 130

130
1On doimhne, O Iehòbhah Dhè,
do ghlaodh mi riutsa suas.
2Dhia, èisd rim ghuth gu furachair;
’s rim ùrnaigh crom do chluas.
3Ma chomhraichear leat aingidheachd,
a Dhè, cò sheasas riut?
4Ach agadsa tha iochd: a-chum
gun strìochdt’ ad eagal dhut.
5Ri Dia tha mise feitheamh, fòs
tha m’anam feitheamh ris;
Is ann a bhriathar fìrinneach
mo dhòchas cuiridh mis’.
6Tha m’anam bochd nas furachair’
a’ feitheamh Dhè a-ghnàth,
Na bhios luchd-faire maidne fòs
ri sgarachdainn nan tràth:
Nas furachair’, a deiream fòs,
ga fheitheamh-san gun ghò,
Na bhios luchd-faire anns an oidhch’
ri teachd a-steach don lò.
7Biodh dòchas Israeil an Dia:
oir tha a thròcair mòr;
’S ann aig an Tighearna gu beachd
tha fuasgladh pailt gu leòr.
8Is bheir e fhèin gun cheist air bith
da phoball Israèl
Làn-shaorsa agus fuasgladh glan
on aingidheachd gu lèir.

Currently Selected:

Sailm 130: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in