YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 125

125
1Tha ’n dream nì dòchas ann an Dia
mar shliabh Shioin a-ghnàth,
Nach faodar fòs a charachadh,
ach mhaireas ann gu bràth.
2Ceart mar a tha na beanntan tric
timcheall Ierusaleim,
Tha Dia mar sin, a-nis ’s gu sìor,
timcheall a phobaill fhèin.
3Oir slat luchd-uilc cha ghabh i tàmh
air crann nan daoine còir’:
Eagal gun sìn na fìreanaich
an làmh gu peacadh mòr.
4An aitim ud tha math, a Dhè,
do mhaitheas pàirtich leo;
Is leis an dream tha treibhdhireach
’s nan cridhe tha gun ghò.
5Ach iadsan uile thèid a thaobh
dan slighibh claon le chèil’,
Iomainidh Dia le luchd an uilc,
’S bidh sìth air Israèl.

Currently Selected:

Sailm 125: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in