YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 123

123
1Mo shùilean togam riutsa tha
’n còmhnaidh air nèamh nan speur.
2Feuch, mar tha sùil nan seirbhiseach
air làimh am maighstir fhèin,
’S mar shùilean banoglaich air làimh
a ban-tighearna faraon,
Feithidh ar sùil air Dia, gus ’n dèan
e tròcair oirnn gu caoin.
3Dèan tròcair oirnn, Iehòbhah Dhia,
dèan tròcair oirnn gu luath;
Oir tha sinn air ar lìonadh làn
de tharcais is de fhuath.
4Le fanaid luchd na seasgaireachd,
lìonadh ar n-anam bochd;
’S le spìd na muinntir ud a tha
làn àrdain is an-iochd.

Currently Selected:

Sailm 123: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in