Sailm 120
120
1Am èiginn ghlaodh mi suas ri Dia,
is dh’èisd e rium gach rè.
2On teangaidh chealgaich, m’anam saor;
’s o bheul nam breug, a Dhè.
3Ciod bheirear dhut, no nìthear ort,
a theanga làn de ghò?
4Mar shaighdibh laoich, ’s iad geuraichte,
mar èibhlibh aiteil beò.
5Mo thruaighe mi, gu bheil mo chuairt
am Mesech; is mo thàmh
Am bùthaibh Chedair choigrich bhuirb,
gu muladach gun dàimh!
6Rinn m’anam còmhnaidh fhada bhuan
le neach thug fuath do shìth.
7Gu cogadh tha iad togarrach;
air sìth ’n tràth labhras mi.
Currently Selected:
Sailm 120: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000