YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 121

121
1Mo shùilean togam suas a-chum
nam beann, on tig mo neart.
2On Dia rinn talamh agus nèamh,
tha m’fhurtachd uile teachd.
3Cha leig dod chois air chor air bith
gun sleamhnaich i gu bràth;
Tàmh-neul cha tig sin air an neach
’s fear-coimhid ort a-ghnàth.
4Feuch, air fear-coimhid Israeil,
cadal chan aom no suain:
5’S e Dia d’fhear-coimhid; ’s e do sgàil
air do làimh dheis gu buan.
6A’ ghrian cha bhuail i thu san là,
no ghealach fòs san oidhch’.
7Nì Dia do choimhead o gach olc;
nì d’anam dhìon a-chaoidh.
8Do dhol a-mach, ’s do theachd a-steach,
coimheadaidh Dia a-ghnàth;
On aimsir seo a-nis a th’ann,
’s o sin a-mach gu bràth.

Currently Selected:

Sailm 121: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in