YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 105

105
1O thugaibh buidheachas do Dhia;
air ainm-san gairibh fhèin;
Is cuiribh fòs a ghnìomharan
am measg nan sluagh an cèill.
2Seinnibh do Dhia Iehòbhah mòr,
sailm seinnibh dha gu binn;
Is aithrisibh gu h-iomlan fòs
na mìorbhailean a rinn.
3As ainm ro-naomha-san faraon
dèanaibh deagh uaill’ is glòir;
Biodh gàirdeachas air cridh’ an dream
dh’iarras Iehòbhah mòr.
4Iarraibh Iehòbhah mòr nam feart,
iarraibh a neart a-ghnàth;
A ghnùis tha gràsmhor fàbharach,
sìor iarraibh i gu bràth.
5Cuimhnichibh fòs na mìorbhailean
a rinneadh leis gu treun:
A ghnìomharan ro-iongantach,
is breitheanais a bhèil;
6O sibhs’ a ghineil Abrahàim,
deagh òglaich dhìleas Dhè:
Sibhse chlann Iàcoib mar an ceudn’,
a roghnaich e dha fhèin.
7’S esan ar Tighearn is ar Dia,
Iehòbhah mòr gu fìor:
Tha bhreitheanais ro-chothromach
air sgaoileadh feadh gach tìr’.
8Oir chuimhnich e gu sìorraidh buan
a choicheangal gu beachd;
’S am facal fòs a dh’òrdaich e
do mhìltibh àl ri teachd;
9An coicheangal a rinn e fhèin
ri Abrahàm gu caoin,
’S na mionnan a thug e le bheul
do Isaac, òglach caomh:
10Is amhlaidh sin do Iàcob fòs
dhaingnich e e mar reachd;
Mar choicheangal gu sìorraidh buan,
do Israel gu beachd:
11Ag ràdh, Tìr Chanàain bheir mi dhuibh,
mar chrann ur n-oighreachd fhèin.
12Nuair bha iad tearc, ’s nam buidhinn bhig,
’s nan coigrich innt’ gu lèir.
13Is air bhith dhaibh ag imeachd fòs
o thìr gu tìr gun tàmh;
A’ triall feadh sluaigh is rìoghachdan,
nach fac’ iad riamh ro làimh:
14Cha d’leig le neach an gortachadh;
ach smachdaich air an sgàth
Mòr-rìghrean neartmhor cumhachdach;
’s e riu mar seo ag ràdh;
15Feuchaibh nach bean sibh ris an dream
a dh’ungadh leam gu caomh:
Is fòs na dèanaibh cron air bith
no lochd air m’fhàidhibh naomh’.
16Fòs ghairm e gortan steach don tìr,
is lorg an arain bhris.
17Ach chuir e Iòseph romhpa sìos,
reiceadh mar thràill gun fhios.
18Le geimhlibh dhochainn iad a chas’,
laigh e an iarann teann;
19Gu ’n uair an tàinig facal Dè;
is dhearbh siud e san àm.
20An rìgh an sin chuir airsan fios,
is dh’fhuasgail air gu caoin:
Seadh, uachdaran nam fineachan
is leig e e fa sgaoil.
21Is air a theaghlach thug e dha
àrd-thighearnas gu lèir:
Ard-uachdranachd a stòrais mhòir,
thug esan dha da rèir;
22A cheangal mar a chìte dha
àrd-cheannardan na tìr’:
’S gun tugadh e da sheanairibh
teagasg air gliocas fìor.
23Do rìoghachd na h-Eiphit thàinig fòs
clann Israeil gu lèir,
’S bha Iàcob is a shliochd air chuairt
an talamh Cham le chèil’:
24Thug esan air a phoball fhèin
an sin ro-lìonmhor fàs,
Is na bu treasa rinn e iad
na ’n naimhdean anns gach càs.
25Cridhe an dream ud dh’iompaich e
thoirt fuath da phoball naomh,
’S gum buineadh iad gu cealgach olc
ra sheirbhisich ro-chaomh.
26An sin chuir e dheagh òglach Maois,
Aaron a thagh e fhèin.
27Nochd iad a bheairtean mìorbhaileach,
an talamh Cham gu treun.
28Chuir orra duibhre, ’s dhorchaicheadh;
’n sin thug iad gèill da ghuth.
29Dh’iompaich gu fuil an uisgeachan,
is mharbh e ’n t-iasg nan sruth.
30Is losgainn ann an lìonmhorachd
sin bhrùchd an tìr a-mach,
Am fàrdaichibh an rìghrean-san,
’s nan seòmraibh a-steach.
31Air ’iarrtas thàinig iomadh gnè
de chuileagaibh gu grad:
Is mialan lìonmhor mar an ceudn’
nan crìochaibh fhèin air fad.
32Airson an uisge thug e dhaibh
clach-shneachd gu frasach geur,
Is lasair theine-dhealanaich
air feadh na tìr gu lèir.
33Na craobhan fìon’, is fìge fòs
ghrad-bhuaileadh leis gu trom;
Is bhriseadh agus reubadh leis
gach crann a bha nam fonn.
34Thug esan àithne ’s thàinig iad,
lòcaist gu lìonmhor ann,
’S na burrais sgriosach iomarcach,
gun orra cunntas cheann;
35Gach luibh san fhearann dh’itheadh leo;
is dh’itheadh leo gach meas.
36Bhuail e gach ciad-ghin anns an tìr,
toiseach am brìgh ’s an treis’.
37Le òr ’s le airgead thug e mach
a phoball fhèin gun dìth;
’S cha robh nan treubhaibh-san air fad
neach easlainteach gun chlì.
38Bu shubhach leis na h-Eiphitich
nuair chaidh iad uap’ a-mach.
Oir thuit an eagal-san gu mòr
le uamhann air gach neach.
39Neul os an cionn sgaoil esan mach
mar bhrat no cùirtean mòr;
Le teine mar an ceudn’ san oidhch’
thug solas dhaibh gu leòr.
40Am poball dh’iarr, is thug e dhaibh
na gearra-goirt gu pailt;
’S le aran nèimh o speuraibh àrd’
thug dhaibh an sàth gun airc.
41A’ charraig sgoilt e, bhrùchd a-mach
na h-uisgeachan gu leòr;
Is anns an fhàsach thartmhor theth
ruith iad mar abhainn mhòir.
42Chionn gun do chuimhnich e an sin
fhacal ’s a ghealladh naomh,
Is mar an ceudna Abrahàm
’òglach ro-dhìleas caomh.
43Is uime sin thug e a-mach
a shluagh le aoibhneas mòr;
’S a dhaoine fhèin a roghnaich e,
le gàirdeachas is ceòl.
44Is fearann fòs nam fineachan
thug esan dhaibh air fad;
Is mheal iad mar an oighreachd fhèin
saothair nan cinneach ud.
45A-chum gun tugadh iad fa-near
a reachdan mar as còir,
’S gun gleidheadh iad a lagh faraon,
Molaibh Iehòbhah mòr.

Currently Selected:

Sailm 105: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in