Sailm 104
104
1O m’anam, beannaich thusa Dia:
mo Dhia, ’s tu ’n Triath ro-mhòr;
Tha thusa air do sgeadachadh
le mòralachd is glòir.
2Seadh, chuir thu solas dealrach glan,
mar thrusgan umad fhèin;
Is shìn thu mach, is sgaoileadh leat,
mar chùirtean nèamh nan speur.
3Sailean a sheòmar leagadh leis
air uisgeachaibh mar stèidh;
Mar charbad rinn na neulan tiugh,
’s e ruith air sgiathaibh gaoith’.
4’S e fhèin a rinn na h-aingil fòs
nan spioraid làidir threun;
’S e rinn nan teine lasarach
a theachdairean gu lèir.
5Is bunaitean na talmhainn fòs
shocraicheadh leis nan àit
A-chum nach gluaist’ as ’ionad e
a-chaoidh nan cian gu bràth.
6Is dh’fhalaich thu le doimhneachd e,
ceart mar gum b’ann le brat:
Os cionn nam beann ’s nan slèibhtean àrd’
na h-uisgeachan do stad.
7Air cluinntinn dhaibh guth d’ach-mhasain,
theich iad air falbh gu cas:
Is fòs ri guth do thàirneanaich,
le deifir chaidh iad as.
8Ri taobh nam beann chaidh iad a suas,
’s a sìos air feadh nan gleann:
Gu ruig an t-àit a dh’òrdaich thu
’s a shocraich thu gu teann.
9Chuir thusa romhpa crìochan buan
nach tèid iad tharta null;
’S nach till iad air an ais a-rìs
dh’fhalach na tìr’ le tuinn.
10Cuiridh e mach na tobraichean
air feadh nan glac ’s nan gleann,
A tha gun tàmh len sruthaibh bras’,
a’ ruith air feadh nam beann.
11Do bheathaichibh na macharach
deoch bheir e dhaibh ra h-òl:
’S na h-asail fhiadhaich coisgidh iad
an tart ’s an ìota mòr.
12Am fagas dhaibh nì eòin nan speur,
taigh clùmhor tàimh dhaibh fhèin:
Is eadar gheugan cuirear leo
an ceilear binn an cèill.
13Uisgichidh e o sheòmraibh àrd’
na beanntan mòr’ gun tàmh:
An talamh tioram gheibh a dhìol
le toradh gnìomh do làmh.
14Bheir e air feur bhith fàs don sprèidh,
’s air luibh bhith fàs gun sgìos
Do dhaoinibh, chum gun tugadh iad
on talamh biadh a-nìos:
15Is fìon a chuireas cridhe dhaoin’
air shubhachas ’s air ghean,
Is ola fòs a nì an gnùis
le maise dealrach glan.
’S e bheir dhaibh aran mar an ceudn’
fhreasdal am feum gu leòr,
An cridhe dhaoin’ a chuireas neart,
le misnich mhaith is treòir.
16Tha craobhan àrd’ an Tighearna
ro-làn de bhrìgh gu lèir,
Is seudair mhaiseach Lebanoin
a shuidhicheadh leis fhèin.
17Is bithidh nid san ionad ud
aig eunlaith luath nan speur:
Na craobhan giuthais aig an storc
mar ionad-tàimh dhi fhèin.
18An tèarmann fhèin, am beanntaibh àrd’,
na gobhair fhiadhaich leag;
Na coinein bheaga mar an ceudn’
an còsaibh blàth nan creag.
19A’ ghealach dh’òrdaich esan fòs
a sgarachdainn nan tràth:
Is aig a’ ghrèin tha eòlas math
mar laigheas i gach là.
20Do nìthear leatsa dorchadas,
is thig an oidhch’ gu grad;
An sin bidh beathaich allt’ na coill’
a’ dol a-mach air fad.
21Ri beucadh bidh na leòmhainn òg’
ag iarraidh cobhartaich,
Is bithidh iad ag iarraidh bìdh
air Dia ro-chumhachdach.
22An sin nuair dh’èireas suas a’ ghrian,
cruinnichidh iad le chèil’,
Gu h-uaigneach laighidh iad a-staigh
nan garaidh dìdein fhèin.
23Is thèid an duine mach an sin
gu ’obair mar as còir,
Is leanaidh e gu dìcheallach
a shaothair gu tràth-nòin.
24Cia lìonmhor d’oibrean mòr’, a Dhè!
an gliocas rinn thu iad:
An talamh fòs led shaoibhreas mòr,
tha làn air fad ’s air leud.
25Mar sin an cuan tha farsaing mòr,
’s gach nì a shnàigeas ann,
Na beathaichean tha beag is mòr,
gun orra cunntas cheann.
26Tha longan siubhal ann gu tiugh;
’s tha ’n Lebhiatan mòr,
A chumadh is a dhealbhadh leat,
ri sùgradh ann le treòir.
27Na slòigh ud uile tha, a Dhè,
a’ feitheamh ort a-ghnàth,
A-chum dhaibh biadh gun tugadh tu
gan cumail beò gach tràth.
28Na bheir thu dhaibh ad thoirbheartas
ga thional siud tha iad:
Tràth dh’fhosglas tu do làmh gu pailt,
le math sàr-lìonar iad.
29Air falach dhut do ghnùis a-rìs,
thig cabhag orr’ air fad;
Eugaidh, tràth bheir thu asd’ an deò,
tillidh rin ùir gu grad.
30Do spiorad fhèin gan cruthachadh,
rìs cuirear leat a-mach:
Aghaidh na talmhainn mar an ceudn’
nuadhaichidh tu le dreach.
31Bidh glòir an Triath ro-mhaireannach
air feadh gach linn am feasd;
Is nì Iehòbhah gàirdeachas
na ghnìomharaibh gun cheist.
32Air sealltainn air an talamh dha,
criothnaichidh e gu grad;
Tràth bheanas e ri slèibhtibh àrd’
bidh deatach dhiubh air fad.
33Do Dhia Iehòbhah seinnidh mi
an cian a bhios mi beò;
Is bheir mi moladh mòr dom Dhia
ri fad mo rè ’s mo lò.
34’S ro-mhilis blasd’ mo smaointean air;
biom ait an Dia a-ghnàth.
35Gun tigeadh sgrios air peacaichibh,
mach as an tìr gu bràth,
’S na biodh na h-aingidh ann nas mò;
O m’anam, moladh seinn
Do Dhia Iehòbhah; seinneamaid
le Haleluia binn.
Currently Selected:
Sailm 104: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000